Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean de Cheasaig a Tuath, an t-Eilean Dubh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0822
ÀITE
Ceiseag a Tuath
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
LINN
1960an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32739
KEYWORDS
cairtean-puist
Ceasag a Tuath
manachainnean Dominicanach
Eaglais Naoimh Dubhthaich
An Ridire Uilleam Fettes
aiseagan
bàtaichean aiseig
Views of North Kessock, Black Isle

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt seachad grunn sheallaidhean de Cheasaig a Tuath anns an Eilean Dubh.

Thathar den bheachd gu bheil baile Cheasaig a Tuath air a bhith ann bho na 1430an, nuair a chaidh cead a thoirt don mhanachainn Dhominicanach ann an Inbhir Nis aiseag a ruith dhan Eilean Dubh. B' e seo pàirt den t-slighe taisteil a bha a' siubhal gu tuath gu Eaglais Naoimh Dubhthaich ann am Baile Dhubhthaich.

Ann an 1825 cheannaich an Ridire Uilleam Fettes oighreachd a' Chaisteil Dheirg san Eilean Dubh airson £135,000. Bha a' cheannach seo a' gabhail a-steach chòireachan air an aiseag ann an Ceasag a ruith. An taobh a-staigh trì bliadhna bha e air cidheachan ùra a thogail agus aig toiseach nan 1900an bha bàtaichean smùide air an toirt a-steach air an t-slighe. Chaidh Aiseag Cheasaig à bith ann an 1982, nuair a chaidh Drochaid Cheasaig na h-àite

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean de Cheasaig a Tuath, an t-Eilean Dubh

ROS: Cinn Tàile

1960an

cairtean-puist; Ceasag a Tuath; manachainnean Dominicanach; Eaglais Naoimh Dubhthaich; An Ridire Uilleam Fettes; aiseagan; bàtaichean aiseig

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt seachad grunn sheallaidhean de Cheasaig a Tuath anns an Eilean Dubh.<br /> <br /> Thathar den bheachd gu bheil baile Cheasaig a Tuath air a bhith ann bho na 1430an, nuair a chaidh cead a thoirt don mhanachainn Dhominicanach ann an Inbhir Nis aiseag a ruith dhan Eilean Dubh. B' e seo pàirt den t-slighe taisteil a bha a' siubhal gu tuath gu Eaglais Naoimh Dubhthaich ann am Baile Dhubhthaich.<br /> <br /> Ann an 1825 cheannaich an Ridire Uilleam Fettes oighreachd a' Chaisteil Dheirg san Eilean Dubh airson £135,000. Bha a' cheannach seo a' gabhail a-steach chòireachan air an aiseag ann an Ceasag a ruith. An taobh a-staigh trì bliadhna bha e air cidheachan ùra a thogail agus aig toiseach nan 1900an bha bàtaichean smùide air an toirt a-steach air an t-slighe. Chaidh Aiseag Cheasaig à bith ann an 1982, nuair a chaidh Drochaid Cheasaig na h-àite