Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Beth Thom mu chur-seachadan àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF09_TRACK07_THOM
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Beth Thom
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3276
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
spòrs
dannsa
cuirmean-àbhacais
Women's Rural Institute
Institiud Dùthchail nam Ban
Women's Voluntary Service
Seirbheis Shaor-Thoileach Rìoghail nam Ban
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Beth Thom a' coinneachadh ri daoine à iomadh dùthaich an Inbhir Pheofharain san Dàrna Cogadh.

Uill, bha tòrr rudan ann, a chionns, air a' chiad àite, bhiodh tu a' frithealadh dhaoine sna h-iondan-bìdh san eaglais a h-uile feasgar, oir thigeadh na saighdearan an sin gus cèilidh a dhèanamh, còmhradh ri daoine eile, dìreach mar a tha sinn uile a' dèanamh an-dràsta, agus bha e gu math taitneach. Agus an uairsin bha na pàrtaidhean cuirmean-àbhacais ann - a liuthad rud, dannsaichean agus a h-uile seòrsa, iomadach rud. Agus bha mòran dhaoine ann bho dhùthchannan eile, gu sònraichte daoine à Nirribhidh 's às a' Phòlainn agus bha e tlachdmhor, saoilidh mi. Dh'ionnsaich sinn mòran, aon dòigh co-dhiù, tro choinneachadh ris na daoine seo, rud nach tachradh ruinn mur nach biodh sin. Bha mòran rudan ann, saoilidh mi. Agus gu dearbh bha a h-uile duine an sàs ann an rudeigin. Chaidh mise a-steach dhan Chrois Dhearg, an Red Cross, agus cuideachd bha WRIs ann, WVS, iomadh rud. Bha a h-uile duine a' dèanamh rudeigin. 'S dòcha gum biodh iad a' cur a-mach tea aig na stèiseanan rèile, mar eisimpleir. Agus mar a tha mi 'g ràdh, a' frithealadh ann an ionadan-bìdhe na h-eaglaise, agus a' cur air dòigh sgiobaidhean chuirmean-àbhacais - a h-uile duine a' dèanamh an dìchill, a chionns gu robh mòran dhaoine tàlantach san sgìre.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Beth Thom mu chur-seachadan àm a' chogaidh

ROS: Inbhir Pheofharain

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; spòrs; dannsa; cuirmean-àbhacais; Women's Rural Institute; Institiud Dùthchail nam Ban; Women's Voluntary Service; Seirbheis Shaor-Thoileach Rìoghail nam Ban; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha cuimhn' aig Beth Thom a' coinneachadh ri daoine à iomadh dùthaich an Inbhir Pheofharain san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Uill, bha tòrr rudan ann, a chionns, air a' chiad àite, bhiodh tu a' frithealadh dhaoine sna h-iondan-bìdh san eaglais a h-uile feasgar, oir thigeadh na saighdearan an sin gus cèilidh a dhèanamh, còmhradh ri daoine eile, dìreach mar a tha sinn uile a' dèanamh an-dràsta, agus bha e gu math taitneach. Agus an uairsin bha na pàrtaidhean cuirmean-àbhacais ann - a liuthad rud, dannsaichean agus a h-uile seòrsa, iomadach rud. Agus bha mòran dhaoine ann bho dhùthchannan eile, gu sònraichte daoine à Nirribhidh 's às a' Phòlainn agus bha e tlachdmhor, saoilidh mi. Dh'ionnsaich sinn mòran, aon dòigh co-dhiù, tro choinneachadh ris na daoine seo, rud nach tachradh ruinn mur nach biodh sin. Bha mòran rudan ann, saoilidh mi. Agus gu dearbh bha a h-uile duine an sàs ann an rudeigin. Chaidh mise a-steach dhan Chrois Dhearg, an Red Cross, agus cuideachd bha WRIs ann, WVS, iomadh rud. Bha a h-uile duine a' dèanamh rudeigin. 'S dòcha gum biodh iad a' cur a-mach tea aig na stèiseanan rèile, mar eisimpleir. Agus mar a tha mi 'g ràdh, a' frithealadh ann an ionadan-bìdhe na h-eaglaise, agus a' cur air dòigh sgiobaidhean chuirmean-àbhacais - a h-uile duine a' dèanamh an dìchill, a chionns gu robh mòran dhaoine tàlantach san sgìre. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Ard Rois.