- TIOTAL
- Taigh-solais a' Phluic agus Loch Carrann
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0846
- ÀITE
- Am Ploc
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an; 1940an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 32764
- KEYWORDS
- cairtean-puist
taighean-solais
eileanan
lochan

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Taigh-solais A' Phluic agus Loch Carrann ann an Siorrachd Rois. Tha an taigh-solais air eilean beag air a bheil Eilean a' Chait aig beul na loch. Chaidh a thogail mu 1880, is chaidh bothag bheag a chur ris airson fear-gleidhidh an taigh-sholais. Cha ghabhadh a' bhothag ach aon neach agus chaidh taigh eile a thogail airson bean an neach-gleidhidh air Eilean an Dùin, a tha faisg air làimh. Nuair a tha muir-tràigh ann tha e comasach coiseachd sa mhuir eadar an dà eilean.
Chaidh an taigh-solais a thoirt a-mach à seirbheis anns na 1920an agus tha na togalaichean air gach eilean a-nis air an ceannach. Tha teaghlach a' fuireach san taigh air Eilean an Dùin, ach tha an taigh-solais dùinte is chan fhaigh duine na bhroinn