Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Lios Inbhir Iùbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0858
ÀITE
Inbhir Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1970an; 1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32776
KEYWORDS
cairtean-puist
Inbhir Iùbh
lios
Uachdaran
Geàrrloch
Sruth a' Chamais
Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair
Rubha Inbhir Iùbh
Urras Nàiseanta na h-Alba
turasachd
Inverewe Gardens

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn grunnan sheallaidhean de Lios Inbhir Iùbh, faisg air Poll Iùbh ann an Siorrachd Rois.
Chaidh Lios Inbhir Iùbh a chruthachadh ann an 1862, leis an neach-spòrs agus uachdaran Osgood Hanbury MacCoinnich. B' esan mac A Mhorair Francis MacCoinnich, uachdaran Gheàrrloch. Le cuideachadh bhon teaghlach, cheannaich Osgood Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair a bha na 12,000 acair agus stèidhich e an lios air an rubha aig Inbhir Iùbh. Ged a bha aghaidh ris a' Chuan Siar agus an ùir truagh, bha fios aig MacCoinnich air cho faisg 's a bha Sruth a' Chamais agus, beag air bheag, rinn e an gnothach air fàsach atharrachadh a bhith na lios neo-àbhaisteach.

Dh'obraich Osgood MacCoinnich air Lios Inbhir Iùbh gus an do chaochail e ann an 1922 agus chuir e leasachadh an lios ann an làmhan na h-ìghne aige, A' Bh-Uas Màiri Sawyer. Chaidh Taigh Inbhir Iùbh a th' ann an-diugh a thogail leis an dara duine aice ann an1935 an dèidh don chiad fhear a bhith air a sgrios le teine ann an 1914. Ann an 1952, bliadhna mus do chaochail Màiri Sawyer, thug i an lios agus tochradh airson an obair gus a chumail a' dol anns an àm ri teachd do Urras Nàiseanta na h-Alba. An-diugh, bidh timcheall air 200,000 luchd-tadhail air an tàladh chun an lios gach bliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Lios Inbhir Iùbh

ROS: Geàrrloch

1970an; 1980an

cairtean-puist; Inbhir Iùbh; lios; Uachdaran; Geàrrloch; Sruth a' Chamais; Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair; Rubha Inbhir Iùbh; Urras Nàiseanta na h-Alba; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn grunnan sheallaidhean de Lios Inbhir Iùbh, faisg air Poll Iùbh ann an Siorrachd Rois. <br /> Chaidh Lios Inbhir Iùbh a chruthachadh ann an 1862, leis an neach-spòrs agus uachdaran Osgood Hanbury MacCoinnich. B' esan mac A Mhorair Francis MacCoinnich, uachdaran Gheàrrloch. Le cuideachadh bhon teaghlach, cheannaich Osgood Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair a bha na 12,000 acair agus stèidhich e an lios air an rubha aig Inbhir Iùbh. Ged a bha aghaidh ris a' Chuan Siar agus an ùir truagh, bha fios aig MacCoinnich air cho faisg 's a bha Sruth a' Chamais agus, beag air bheag, rinn e an gnothach air fàsach atharrachadh a bhith na lios neo-àbhaisteach.<br /> <br /> Dh'obraich Osgood MacCoinnich air Lios Inbhir Iùbh gus an do chaochail e ann an 1922 agus chuir e leasachadh an lios ann an làmhan na h-ìghne aige, A' Bh-Uas Màiri Sawyer. Chaidh Taigh Inbhir Iùbh a th' ann an-diugh a thogail leis an dara duine aice ann an1935 an dèidh don chiad fhear a bhith air a sgrios le teine ann an 1914. Ann an 1952, bliadhna mus do chaochail Màiri Sawyer, thug i an lios agus tochradh airson an obair gus a chumail a' dol anns an àm ri teachd do Urras Nàiseanta na h-Alba. An-diugh, bidh timcheall air 200,000 luchd-tadhail air an tàladh chun an lios gach bliadhna