Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Poll-mònach, Poll Iùbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0861
ÀITE
Poll Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32779
KEYWORDS
càirtean-puist
boglaichean
cruthan-tìre
dealbhan
Peat Bog, Poolewe

Chithear sealladh de pholl-mònach ann am Poll Iùbh, Siorrachd Rois air a' chairt-phuist seo.

Tha am baile, Poll Iùbh, aig ceann Loch Iùbh agus tha aimsir bhlàth ann mar as trice ri linn Sruth a' Chamais. Thòisich Poll Iùbh a' fàs mar bhaile cho fada air ais ri co-dhiù an t-17mh linn. Aig an àm sin bha fùirneis iarainn gus clach-meinnir a leaghadh anns a' bhaile. Ged nach do sheas an gnìomhachas uabhasach fada ri linn gainnead choilltean san sgìre, bha Poll Iùbh fhathast na phrìomh phort air taobh siar na h-Alba. Bha seirbheis puist a' ruith eadar am baile is Steòrnabhagh ro deireadh an 18mh linn agus 's ann gu Pholl Iùbh a bhathar a' cur crodh à Leòdhas is Na Hearadh air an t-slighe gu tìr-mòr.

Thòisich bàta-smùide a' seòladh eadar Poll Iùbh is Na h-Eileanan Siar ann an 1849, agus dà bhliadhna às dèidh sin thàinig leasachadh eile air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail.

An-diugh, tha àite-campachaidh agus taigh-òsta ann am baile brèagha Pholl Iùbh. Tha mòran luchd-turais a' tighinn don sgìre a thadhal air Lios Inbhir Iùbh, air bruthaichean Loch Iùbh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Poll-mònach, Poll Iùbh

ROS: Geàrrloch

càirtean-puist; boglaichean; cruthan-tìre; dealbhan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards