Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh leis a' Bh-ph E J Newell mu chur-seachadan àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF09_TRACK08_NEWELL
ÀITE
Cromba
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Crombaidh
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Mrs E J Newell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3278
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
dubhadh-às
cur-seachadan
spòrs
cuibhreannan
cùmhnadh
rationing
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha beatha sòisealta gu math beòthail aig a' Bh-ph E J Newell ann an Crombagh aig àm an Dàrna Cogaidh.

Uill, tha fhios gum feumadh dubhadh-às a bhith na do thaigh bho nach fhaodadh aon bhoillsgeag sholais sealltainn a-muigh. Agus cha robh telebhisean sam bith ann, ach cha robh feum againn air telebhisean bhon bha guthan math aig a h-uile duine againn agus bhiodh sinn a' seinn agus bha spòrs againn. Agus is dòcha gun cluicheadh sinn cairtean. Agus cuideachd bhiodh cuirmean-àbhacais air an cur air dòigh leis na balaich sna seirbheisean, agus 's iad a bha math air ceòl a dhèanamh - feadhainn aca - seinneadairean gasda, agus dheidheadh sinn dhan Talla Bhioctoria agus bhiodh cuirm-ciùil glè mhath againn, 's dòcha dannsa, 's dòcha whist-drive. Mar sin bha e meadhanach trang. Agus bhiodh an t-ionad-bìdh fosgailte oidhche Mhàirt san Talla . Bha e fosgailte a h-uile h-oidhche ach bhithinn-sa a' dol ann oidhche Mhàirt. Agus thàinig na daoine às iomadh diofar àite agus gheibheadh iad ceapairean no tea agus dh'fhaodadh iad suidhe is còmhradh ach chan fhaigheadh iad, cha robh cèicean againn dhaibh oir bha cèicean fo chuibhreann, bha siùcar fo chuibhreann, bha ìm fo chuibhreann agus bha min-flùr fo chuibhreann, 's mar sin cha robh aca ach ceapairean agus fìor-chorra uair 's dòcha pancake, neo sgona a dhèanadh cuideigin, ach cha bhiodh sin ann tric.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chrombaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh leis a' Bh-ph E J Newell mu chur-seachadan àm a' chogaidh

ROS: Crombaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; dubhadh-às; cur-seachadan; spòrs; cuibhreannan; cùmhnadh; rationing; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Bha beatha sòisealta gu math beòthail aig a' Bh-ph E J Newell ann an Crombagh aig àm an Dàrna Cogaidh.<br /> <br /> Uill, tha fhios gum feumadh dubhadh-às a bhith na do thaigh bho nach fhaodadh aon bhoillsgeag sholais sealltainn a-muigh. Agus cha robh telebhisean sam bith ann, ach cha robh feum againn air telebhisean bhon bha guthan math aig a h-uile duine againn agus bhiodh sinn a' seinn agus bha spòrs againn. Agus is dòcha gun cluicheadh sinn cairtean. Agus cuideachd bhiodh cuirmean-àbhacais air an cur air dòigh leis na balaich sna seirbheisean, agus 's iad a bha math air ceòl a dhèanamh - feadhainn aca - seinneadairean gasda, agus dheidheadh sinn dhan Talla Bhioctoria agus bhiodh cuirm-ciùil glè mhath againn, 's dòcha dannsa, 's dòcha whist-drive. Mar sin bha e meadhanach trang. Agus bhiodh an t-ionad-bìdh fosgailte oidhche Mhàirt san Talla . Bha e fosgailte a h-uile h-oidhche ach bhithinn-sa a' dol ann oidhche Mhàirt. Agus thàinig na daoine às iomadh diofar àite agus gheibheadh iad ceapairean no tea agus dh'fhaodadh iad suidhe is còmhradh ach chan fhaigheadh iad, cha robh cèicean againn dhaibh oir bha cèicean fo chuibhreann, bha siùcar fo chuibhreann, bha ìm fo chuibhreann agus bha min-flùr fo chuibhreann, 's mar sin cha robh aca ach ceapairean agus fìor-chorra uair 's dòcha pancake, neo sgona a dhèanadh cuideigin, ach cha bhiodh sin ann tric. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Chrombaidh.