Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beul Abhainn Iù, Poll Iù
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0863
ÀITE
Poll Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32781
KEYWORDS
cairtean-puist
aibhnichean
lochan
nèibhi
Cabhlach Rìoghail
leaghadh
puirt
turasachd
Mouth of River Ewe, Poolewe

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Abhainn Iù agus Loch Iù ann am Poll Iù, Siorrachd Rois. Tha an loch mu deich mìle a dh' fhaid, is tha Abhainn Iù a' sruthadh dhan loch à Loch Ma-ruibhe. B' e ionad nèibhidh cudromach a bh' ann an Loch Iù anns an dà chogadh mhòr.

Tha am baile, Poll Iù, aig ceann Loch Iù agus tha aimsir bhlàth ann an-còmhnaidh ri linn Sruth a' Chamais. Thòisich Poll Iù a' fàs mar bhaile cho fad air ais ris an t-17mh linn co-dhiù. Aig an àm sin bha fùirneis iarainn gus clach-meinnir a leaghadh anns a' bhaile. Ged nach do sheas an gnìomhachas uabhasach fada ri linn gainnead choilltean san sgìre, bha Poll Iù fhathast na phrìomh phort air taobh siar na h-Alba. Bha seirbheis puist a' ruith eadar am baile is Steòrnabhagh ro deireadh an 18mh linn agus 's ann gu Pholl Iù a bhathar a' cur crodh à Leòdhas is Na Hearadh air an t-slighe gu tìr-mòr. Bha bàta-smùide a' seòladh eadar Poll Iù is Na h-Eileanan Siar ann an 1849, agus dà bhliadhna an dèidh sin thàinig leasachadh eile air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail.

An-diugh, tha àite-campachaidh agus taigh-òsta ann am baile brèagha Pholl Iù. Tha mòran luchd-turais a' tighinn dhan sgìre a thadhal air Lios Inbhir Iù, air bruthaichean Loch Iù

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beul Abhainn Iù, Poll Iù

ROS: Geàrrloch

1950an

cairtean-puist; aibhnichean; lochan; nèibhi; Cabhlach Rìoghail; leaghadh; puirt; turasachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Abhainn Iù agus Loch Iù ann am Poll Iù, Siorrachd Rois. Tha an loch mu deich mìle a dh' fhaid, is tha Abhainn Iù a' sruthadh dhan loch à Loch Ma-ruibhe. B' e ionad nèibhidh cudromach a bh' ann an Loch Iù anns an dà chogadh mhòr.<br /> <br /> Tha am baile, Poll Iù, aig ceann Loch Iù agus tha aimsir bhlàth ann an-còmhnaidh ri linn Sruth a' Chamais. Thòisich Poll Iù a' fàs mar bhaile cho fad air ais ris an t-17mh linn co-dhiù. Aig an àm sin bha fùirneis iarainn gus clach-meinnir a leaghadh anns a' bhaile. Ged nach do sheas an gnìomhachas uabhasach fada ri linn gainnead choilltean san sgìre, bha Poll Iù fhathast na phrìomh phort air taobh siar na h-Alba. Bha seirbheis puist a' ruith eadar am baile is Steòrnabhagh ro deireadh an 18mh linn agus 's ann gu Pholl Iù a bhathar a' cur crodh à Leòdhas is Na Hearadh air an t-slighe gu tìr-mòr. Bha bàta-smùide a' seòladh eadar Poll Iù is Na h-Eileanan Siar ann an 1849, agus dà bhliadhna an dèidh sin thàinig leasachadh eile air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail.<br /> <br /> An-diugh, tha àite-campachaidh agus taigh-òsta ann am baile brèagha Pholl Iù. Tha mòran luchd-turais a' tighinn dhan sgìre a thadhal air Lios Inbhir Iù, air bruthaichean Loch Iù