Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Pholl Iùbh agus Loch Iùbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0869
ÀITE
Poll Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32787
KEYWORDS
cairtean-puist
aibhnaichean
lochan
Loch Ma Ruibhe
Abhainn Iùbh
ionad-mara
cabhlach
Cabhlach Rìoghail
Sruth a' Chamais
leaghadh
leaghadh mèinn iarainn
puirt
Lios Pholl Iùbh
Poolewe and River Ewe

Anns a' chairt-phuist seo chithear Abhainn Iùbh, Loch Iùbh agus baile Pholl Iùbh. Tha an loch an ìre mhath deich mìle a dh' fhaid agus air a lìonadh le Abhainn Iùbh a tha a' sruthadh bho Loch Ma Ruibhe. Bha Loch Iùbh na ionad-mara aig àm a' chiad agus an dara cogadh.

Tha baile Pholl Iùbh aig ceann Loch Iùbh, agus tha e air a bhlàthachadh le Sruth a' Chamais. Tha am baile a' dol air ais chun an t-17mh linn. Aig an àm seo bha fùirneis iarainn anns a' bhaile, far am biodh iad a' leaghadh mèinn iarainn. Ged nach do mhair an gnìomhachas seo fada, seach gun robh craobhan gann san sgìre, bha Poll Iùbh fhathast na phrìomh phort air taobh an iar Alba. Bha seirbheis puist a' ruith bhon bhaile gu Steòrnabhagh aig deireadh an 18mh linn agus b' e Poll Iùbh cuideachd an t-àite far am biodh stoc nan dròbhairean a' tighinn bho Leòdhas agus Na Hearadh. Faisg air bha seirbheis bàta-smùide a' ruith bho Pholl Iùbh dha na h-Eileanan Siar. Ann an 1849 agus dà bhliadhna an dèidh sin thàinig tuilleadh adhartais air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail.

An-diugh, tha taigh-òsta agus làrach-campachaidh rim faighinn anns a' bhaile thlachmhor seo. Tha an sgìre a' còrdadh ri luchd-turais oir tha Lios Pholl Iùbh air cladach Loch Iùbh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Pholl Iùbh agus Loch Iùbh

ROS: Geàrrloch

1980an

cairtean-puist; aibhnaichean; lochan; Loch Ma Ruibhe; Abhainn Iùbh; ionad-mara; cabhlach; Cabhlach Rìoghail; Sruth a' Chamais; leaghadh; leaghadh mèinn iarainn; puirt; Lios Pholl Iùbh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Anns a' chairt-phuist seo chithear Abhainn Iùbh, Loch Iùbh agus baile Pholl Iùbh. Tha an loch an ìre mhath deich mìle a dh' fhaid agus air a lìonadh le Abhainn Iùbh a tha a' sruthadh bho Loch Ma Ruibhe. Bha Loch Iùbh na ionad-mara aig àm a' chiad agus an dara cogadh.<br /> <br /> Tha baile Pholl Iùbh aig ceann Loch Iùbh, agus tha e air a bhlàthachadh le Sruth a' Chamais. Tha am baile a' dol air ais chun an t-17mh linn. Aig an àm seo bha fùirneis iarainn anns a' bhaile, far am biodh iad a' leaghadh mèinn iarainn. Ged nach do mhair an gnìomhachas seo fada, seach gun robh craobhan gann san sgìre, bha Poll Iùbh fhathast na phrìomh phort air taobh an iar Alba. Bha seirbheis puist a' ruith bhon bhaile gu Steòrnabhagh aig deireadh an 18mh linn agus b' e Poll Iùbh cuideachd an t-àite far am biodh stoc nan dròbhairean a' tighinn bho Leòdhas agus Na Hearadh. Faisg air bha seirbheis bàta-smùide a' ruith bho Pholl Iùbh dha na h-Eileanan Siar. Ann an 1849 agus dà bhliadhna an dèidh sin thàinig tuilleadh adhartais air a' bhaile nuair a chaidh a' chiad rathad a thogail. <br /> <br /> An-diugh, tha taigh-òsta agus làrach-campachaidh rim faighinn anns a' bhaile thlachmhor seo. Tha an sgìre a' còrdadh ri luchd-turais oir tha Lios Pholl Iùbh air cladach Loch Iùbh