Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tràigh Port Ma Cholmaig, Taobh an Ear Siorrachd Rois
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0871
ÀITE
Port Mo Cholmaig
SGÌRE
Manachainn Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Tairbeart
LINN
1950an; 1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32789
KEYWORDS
cairtean-puist
tràighean
gnìomhachas an iasgaich
bailtean-iasgaich
turasachd
Cruithnich
tuineachadh Cruithneach
Naomh Colmag
Crìostachd
Seann Eaglais an Tairbeairt
Tòmas Telford
calachan
Portmahomack beach, Easter Ross

Tha a' chairt seo a' sealltainn tràigh Port Ma Cholmaig ann an Taobh an Ear Siorrachd Rois. Is toigh le daoine an tràigh airson spòrs-uisge agus a bhith a' sealltainn air leumadairean. Tha raon-goilf Phort Ma Cholmaig agus an seann chala cuideachd a' tarraing mòran de luchd-turais dhan bhaile.
Tha fianais ann gun robh tuineachadh am Port Ma Cholmaig bho 1000-2000 BC. Bha manachainn Chruithneach ann san t-6mh agus san t-7mh linn, agus fhuaireadh seann chlachan snaighte Crìosdail on 8mh no on 9mh linn am broinn agus mu chuairt air cladh a' bhaile. Thathar dhen bheachd gun tàinig an Naomh Colmag gu Port Ma Cholmaig, agus gun do stèidhich e manachainn san àite, ann an AD975. Thogadh eaglais eile an àite na manachainn ann an 1255, agus thogadh an eaglais ris an canar an-diugh Seann Eaglais an Tairbeairt air an aon làraich ann an 1756.

Anns an 19mh linn dh'fhàs Port Ma Cholmag na bhaile cudromach airson iasgach. Thog Tòmas Telford cala ann sam biodh mu 1000 bàt'-iasgaich nuair bu thrainge a bha gnìomhachas an iasgaich. An-diugh, tha an cala ann fhathast, ach chan eil sgeul air a' mhòr-chuid dhe na bàtaichean-iasgaich, agus cha bhi tighinn dhan chala ach bàtaichean airson chur-seachadan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tràigh Port Ma Cholmaig, Taobh an Ear Siorrachd Rois

ROS: Tairbeart

1950an; 1960an

cairtean-puist; tràighean; gnìomhachas an iasgaich; bailtean-iasgaich; turasachd; Cruithnich; tuineachadh Cruithneach; Naomh Colmag; Crìostachd; Seann Eaglais an Tairbeairt; Tòmas Telford; calachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn tràigh Port Ma Cholmaig ann an Taobh an Ear Siorrachd Rois. Is toigh le daoine an tràigh airson spòrs-uisge agus a bhith a' sealltainn air leumadairean. Tha raon-goilf Phort Ma Cholmaig agus an seann chala cuideachd a' tarraing mòran de luchd-turais dhan bhaile.<br /> Tha fianais ann gun robh tuineachadh am Port Ma Cholmaig bho 1000-2000 BC. Bha manachainn Chruithneach ann san t-6mh agus san t-7mh linn, agus fhuaireadh seann chlachan snaighte Crìosdail on 8mh no on 9mh linn am broinn agus mu chuairt air cladh a' bhaile. Thathar dhen bheachd gun tàinig an Naomh Colmag gu Port Ma Cholmaig, agus gun do stèidhich e manachainn san àite, ann an AD975. Thogadh eaglais eile an àite na manachainn ann an 1255, agus thogadh an eaglais ris an canar an-diugh Seann Eaglais an Tairbeairt air an aon làraich ann an 1756.<br /> <br /> Anns an 19mh linn dh'fhàs Port Ma Cholmag na bhaile cudromach airson iasgach. Thog Tòmas Telford cala ann sam biodh mu 1000 bàt'-iasgaich nuair bu thrainge a bha gnìomhachas an iasgaich. An-diugh, tha an cala ann fhathast, ach chan eil sgeul air a' mhòr-chuid dhe na bàtaichean-iasgaich, agus cha bhi tighinn dhan chala ach bàtaichean airson chur-seachadan