Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Lorna Milligan mu dhèideagan àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF09_TRACK09_MILLIGAN
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Lorna Milligan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3279
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
dèideagan
cleasan
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Lorna Milligan ag innse mu choltas ghliongain pàiste dèant' aig an taigh aig àm an Dàrna Cogaidh.

Dè na geamannan a bhiodh sibh a' cluich? A robh dèideagan agaibh?

Rè a' chogaidh? Cha robh dèideagan ann. Chluich sinn - tha cuimhn' agam air 'hopscotch' san raon-chluiche agus chluicheadh sinn teanas agus na seòrsachan de gheamannan a bha siud ach cha robh moran dèideagan againn. Cha robh fiù 's glionganan aig bèibidhean. Cha b' urrainn dhut sìon a cheannach. Agus tha cuimhn' agam a' faighinn tiona - 's dòcha nach eil tionaichean lìomhadh-bhrògan agaibh - eil fhios agaibh, na tionaichean beaga dubha cruinn sin de lìomhadh-bhrògan? Bhiodh tu a' cur chlachan no grinneal nam broinn; gheibheadh sinn iad air an tàthadh ri chèile agus làmh air a chur ris agus an uairsin dh'fheumamaid còmhdach beag fhighe dhaibh, dhan làimh is dhan tiona, agus bha sin na ghliongan do bhèibidh. Cha b' urrainn dhut sìon mar sin a cheannach, idir. 'S e dèan is càirich a bh' ann. Cha bhiodh rud sam bith ùr ann, cha ghabhadh rud sam bith a cheannach, eil fhios agaibh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Lorna Milligan mu dhèideagan àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; dèideagan; cleasan; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)