Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Ghleann nan Sìthichean, Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0877
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32794
KEYWORDS
cairtean-puist
Gleann nan Sìthichean
taighean
croitean
beul-aithris
cleachdaidhean
gnìomhachas an anairt
sgeinnidh
Pows
bradan
gnìomhachas an iasgaich
Fairy Glen House, Rosemarkie

Tha a' chairt seo a' sealltainn Taigh Ghleann nan Sìthichean, Ros Mhaircnidh. A rèir coltais fhuair an taigh an t-ainm aige on choille mu chuairt air, Gleann nan Sìthichean. Tha iomadh sgeulachd san sgìre air mar a fhuair an gleann an t-ainm seo, ach tha aon sgeul ag innse mar a bhiodh clann na sgìre a' cruinneachadh gach Sàbaid aig fuaran. Bhiodh a' chlann a' glanadh sgudal on pholl mu chuairt air an fhuaran, agus a' sgaoileadh bhileagan air, mar thiodhlac dha na sìthichean. Bhathar an dòchas gun dèanadh na sìthichean cinnteach gum biodh uisge glan aig a' bhaile nan dèanadh iad sin.

Anmoch san 18mh linn, bha mu thrì ceud a' fuireach ann an Ros Mhaircnidh, mu fhichead dhiubh nam figheadairean-anairt. Bha sgeinnidh a' fàs san sgìre agus bhathar ga bhogadh ann am pollagan no "Pows" mu choinneimh Taigh Ghleann nan Sìthichean. Bha an sgeinnidh an uair sin air fhighe agus air a ghealachadh. Chrìon gnìomhachas an anairt gu luath anns an 19mh linn air sgàth chìsean àrda air marsantan an anairt. Fhuaireadh feum eile airson nam pollag, ged-tà, beagan an dèidh sin, nuair a dh'fhàs am baile cudromach a thaobh iasgach nam bradan. Anns a' gheamhradh, bhathar a' cruinneachadh deigh o na pollagan agus ga thoirt gu stòrasan-deighe faisg air làimh gus an t-iasg a ghleidheadh.

An-diugh, tha Gleann nan Sìthichean air a riaghladh le uachdarain na sgìre agus Comann Rìoghail Dìon nan Eun

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Ghleann nan Sìthichean, Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

1910an; 1920an

cairtean-puist; Gleann nan Sìthichean; taighean; croitean; beul-aithris; cleachdaidhean; gnìomhachas an anairt; sgeinnidh; Pows; bradan; gnìomhachas an iasgaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Taigh Ghleann nan Sìthichean, Ros Mhaircnidh. A rèir coltais fhuair an taigh an t-ainm aige on choille mu chuairt air, Gleann nan Sìthichean. Tha iomadh sgeulachd san sgìre air mar a fhuair an gleann an t-ainm seo, ach tha aon sgeul ag innse mar a bhiodh clann na sgìre a' cruinneachadh gach Sàbaid aig fuaran. Bhiodh a' chlann a' glanadh sgudal on pholl mu chuairt air an fhuaran, agus a' sgaoileadh bhileagan air, mar thiodhlac dha na sìthichean. Bhathar an dòchas gun dèanadh na sìthichean cinnteach gum biodh uisge glan aig a' bhaile nan dèanadh iad sin.<br /> <br /> Anmoch san 18mh linn, bha mu thrì ceud a' fuireach ann an Ros Mhaircnidh, mu fhichead dhiubh nam figheadairean-anairt. Bha sgeinnidh a' fàs san sgìre agus bhathar ga bhogadh ann am pollagan no "Pows" mu choinneimh Taigh Ghleann nan Sìthichean. Bha an sgeinnidh an uair sin air fhighe agus air a ghealachadh. Chrìon gnìomhachas an anairt gu luath anns an 19mh linn air sgàth chìsean àrda air marsantan an anairt. Fhuaireadh feum eile airson nam pollag, ged-tà, beagan an dèidh sin, nuair a dh'fhàs am baile cudromach a thaobh iasgach nam bradan. Anns a' gheamhradh, bhathar a' cruinneachadh deigh o na pollagan agus ga thoirt gu stòrasan-deighe faisg air làimh gus an t-iasg a ghleidheadh.<br /> <br /> An-diugh, tha Gleann nan Sìthichean air a riaghladh le uachdarain na sgìre agus Comann Rìoghail Dìon nan Eun