Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Easan an Gleann nan Sìthichean, Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0879
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32797
KEYWORDS
cairtean-puist
easan
Gleann nan Sìthichean
beul-aithris
Comann Rìoghail Dìon nan Eun
Abhainn Ros Mhaircnidh
sìthichean
Waterfalls at Fairy Glen, Rosemarkie

Tha a' chairt seo a' sealltainn easan an Gleann nan Sìthichean an Ros Mhaircnidh. Tha na h-easan rim faicinn air a' chuairt tron ghleann choillteach, a' leantail Abhainn Mhaircnidh. An-diugh, tha Comann Rìoghail Dìon nan Eun a-measg luchd-riaghlaidh Ghleann nan Sìthichean, agus fad ràith an turasachd, bidh luchd-stiùiridh a' cur air chois chuairtean do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a' cluinntinn nan eun aig briseadh an là. Tha ceum ann a leigeas le luchd-turais coiseachd fo na h-easan, agus sàr sheallaidhean fhaicinn.

Tha iomadh sgeulachd san sgìre air mar a fhuair a' ghleann an t-ainm seo ach tha aon sgeul ag innse mar a bhiodh clann na sgìre a' cruinneachadh gach Sàbaid aig fuaran. Bhiodh a' chlann a' glanadh sgudal on phollaig mu chuairt air an fhuaran, agus a' sgaoileadh bhileagan air, mar thiodhlac dha na sìthichean. Bhathar an dòchas gun dèanadh na sìthichean cinnteach gum biodh uisge glan aig a' bhaile nan dèanadh iad sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Easan an Gleann nan Sìthichean, Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

1920an; 1930an

cairtean-puist; easan; Gleann nan Sìthichean; beul-aithris; Comann Rìoghail Dìon nan Eun; Abhainn Ros Mhaircnidh; sìthichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn easan an Gleann nan Sìthichean an Ros Mhaircnidh. Tha na h-easan rim faicinn air a' chuairt tron ghleann choillteach, a' leantail Abhainn Mhaircnidh. An-diugh, tha Comann Rìoghail Dìon nan Eun a-measg luchd-riaghlaidh Ghleann nan Sìthichean, agus fad ràith an turasachd, bidh luchd-stiùiridh a' cur air chois chuairtean do dhaoine aig a bheil ùidh ann a bhith a' cluinntinn nan eun aig briseadh an là. Tha ceum ann a leigeas le luchd-turais coiseachd fo na h-easan, agus sàr sheallaidhean fhaicinn.<br /> <br /> Tha iomadh sgeulachd san sgìre air mar a fhuair a' ghleann an t-ainm seo ach tha aon sgeul ag innse mar a bhiodh clann na sgìre a' cruinneachadh gach Sàbaid aig fuaran. Bhiodh a' chlann a' glanadh sgudal on phollaig mu chuairt air an fhuaran, agus a' sgaoileadh bhileagan air, mar thiodhlac dha na sìthichean. Bhathar an dòchas gun dèanadh na sìthichean cinnteach gum biodh uisge glan aig a' bhaile nan dèanadh iad sin