Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Rosemarkie village from Corslate

Tha a' chairt seo a' sealltainn Ros Mhaircnidh bho Chrois Leathad. Chithear Eaglais Ros Mhaircnidh aig astar (anns a' mheadhan).

Tha dearbhadh ann gun robh àite-tuineachaidh Cruithneach ann an Ros Mhaircnidh anns an 8mh linn. Chaidh còrr is 12 leac Chruithneach a lorg mu chladh a' bhaile, agus tha iad a-nis ann an Taigh-tasgaidh Ghroam anns a' bhaile.

Thathar dhen bheachd gun tug Naomh Boniface Crìosdaidheachd do na Cruithnich anns an 8mh linn, ged tha coltas ann gun robh àite-tuineachaidh Crìosdail san àite anns an t-7mh linn. Thogadh a' chiad chathair-eaglais an Siorrachd Rois ann an 1125 air an dearbh làrach far an do stèidhich Naomh Boniface a' mhanachainn aige. Tha eaglais na sgìre, a thogadh eadar 1818 agus 1821, a-nis air an làrach. Chaidh Ros Mhaircnidh a dhèanamh na bhaile-saor tràth anns an 13mh linn, agus mar a' Chananach rinneadh e na Bhaile-Saor Rìoghail an 1455.

Anns an 18mh linn agus an 19mh linn, bha obair an anairt agus iasgach bhradan am measg nam prìomh ghnìomhachasan ann an Ros Mhaircnidh. An-diugh, tha mòran anns a' bhaile do luchd-turais, mar eisimpleir Taigh-tasgaidh Ghroam, ceuman coillteach tro Ghleann nan Sìthichean gu easan, agus tràigh bhrèagha shìtheil.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ros Mhaircnidh bho Chrois Leathad

ROS: Ros Mhaircnidh

1930an; 1940an

cairtean-puist; Cruithnich; leacan Cruithneach; Taigh-tasgaidh Ghroam; Naomh Boniface; Cathair-Eaglais Rois; eaglaisean; cathair-eaglaisean; naoimh; Eaglais Ros Mhaircnidh; bailtean-saora; anart; bradain; iasgach; Gleann nan Sìthichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection