Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dachaigh-chùraim Taigh na Mara, Ros Mhaircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0887_AT
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
32807
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-òsta
Marine Terrace
Taigh-cùraim Marine House
taighean-cùraim
Marine House Care Home, Rosemarkie

'S e taigh Eadailteach bho anmoch ann an linn Bhioctoria a th' ann an Taigh-òsta Marine ann an Ros Maircnidh a thathar air a leasachadh agus a leudachadh gu mòr bho chaidh a thogail. 'S e taigh-altraim a th' ann an-diugh.

'S e meadhan cudromach a bh' ann an Ros Maircnidh do eachdraidh thràth na h-eaglais Chruithnich. Chaidh an eaglais aig Ros Maircnidh le ceanglaichean ris an Naomh Moluag (bh 592) ath-bheothachadh anns an ochdamh linn leis an Naomh Curetán air an robhar eòlach cuideachd mar an Naomh Boniface. Tha e follaiseach cho cudromach 's a bha Ros Maircnidh mar mheadhan do chultar nan Cruithneach leis na clachan-snaidhte Cruithneach a thathar a' lorg faisg air cladh a' bhaile. Chithear na rudan seo ann an Taigh-tasgaidh Taigh Groam ann an Ros Maircnidh.

Chaidh a' chiad chathair-eaglais sgìreachd-easbaig Rois a stèidheachadh ann an 1124 ann an Ros Maircnidh le Daibhidh I Rìgh Alba. Ann am meadhan an treas linn deug chaidh cathair-eaglais ùr a thogail anns a' Chananaich agus chaidh làrach cathair-eaglais Rois a ghluasad an sin. Chaidh an eaglais paraiste aig Ros Maircnidh a tha ann an-diugh a thogail ann an 1821 air làrach na cathair-eaglais a bh' ann o thùs.

Chaidh Ros Maircnidh a chomharrachadh mar Bhaile Rìoghail tràth anns an treas linn deug rud a bha eadar e fhèin agus a' Chananaich bho 1455

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dachaigh-chùraim Taigh na Mara, Ros Mhaircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

2000an

cairtean-puist; taighean-òsta; Marine Terrace; Taigh-cùraim Marine House; taighean-cùraim