Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean de Ros Maircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0895
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1960an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32817
KEYWORDS
cairtean-puist
goilf
raointean goilf
Coinneach Mac Coinnich
Coinneach Odhar
Fiosaiche Chinn Tàile
buidsich
fiosaichean
lios teanas
tràighean
Gleann nan Sìthichean
easan
uillt
sruthan
aibhnichean
bailtean
Views of Rosemarkie

Tha seallaidhean de bhaile Ros Maircnidh ann an Siorrachd Rois air a' chairt-phuist seo. Chithear raon goilf Ros Mhaircnidh ann am meadhan na cairte. Air a stèidheachadh le Seumas Braid ann an 1888, chaidh an cùrsa a thogail aig Rubha na Cananaich (air an làimh chlì gu h-àrd) air an rubha le taigh-solais Ros Mhaircnidh aig a' cheann. Tha an rathad chun an taigh-sholais a' dèanamh dà phàirt den chùrsa. A rèir uirsgeul, 's ann aig Rubha na Cananaich a chaidh Coinneach Odhar a losgadh gu bàs ann am baraille làn de theàrr theth, is casaid buidseachd na aghaidh.

Tha na cùirtean teanais (air an làimh dheis gu h-ìosal) aig tràigh Ros Mhaircnidh (air an làimh dheis gu h-àrd) agus 's iad cuid de na goireasan a bhios luchd-turais a' cleachdadh gach samhradh. Chithear an t-eas seo (air an làimh chlì gu h-ìosal) agus eas eile ann an Gleann nan Sìthichean ann an Ros Maircnidh. Tha Allt Mhaircnidh a' ruith tron ghleann, agus tha an RSPB a' coimhead as dèidh pàirt den ghleann an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean de Ros Maircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

1960an

cairtean-puist; goilf; raointean goilf; Coinneach Mac Coinnich; Coinneach Odhar; Fiosaiche Chinn Tàile; buidsich; fiosaichean; lios teanas; tràighean; Gleann nan Sìthichean; easan; uillt; sruthan; aibhnichean; bailtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha seallaidhean de bhaile Ros Maircnidh ann an Siorrachd Rois air a' chairt-phuist seo. Chithear raon goilf Ros Mhaircnidh ann am meadhan na cairte. Air a stèidheachadh le Seumas Braid ann an 1888, chaidh an cùrsa a thogail aig Rubha na Cananaich (air an làimh chlì gu h-àrd) air an rubha le taigh-solais Ros Mhaircnidh aig a' cheann. Tha an rathad chun an taigh-sholais a' dèanamh dà phàirt den chùrsa. A rèir uirsgeul, 's ann aig Rubha na Cananaich a chaidh Coinneach Odhar a losgadh gu bàs ann am baraille làn de theàrr theth, is casaid buidseachd na aghaidh.<br /> <br /> Tha na cùirtean teanais (air an làimh dheis gu h-ìosal) aig tràigh Ros Mhaircnidh (air an làimh dheis gu h-àrd) agus 's iad cuid de na goireasan a bhios luchd-turais a' cleachdadh gach samhradh. Chithear an t-eas seo (air an làimh chlì gu h-ìosal) agus eas eile ann an Gleann nan Sìthichean ann an Ros Maircnidh. Tha Allt Mhaircnidh a' ruith tron ghleann, agus tha an RSPB a' coimhead as dèidh pàirt den ghleann an-diugh