Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Uilleam Sutharlanach air deireadh a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF10_TRACK05_SUTHERLAND
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Willie Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3282
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
fèillean
fèill-ghàirdeachais
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Uilleam Sutharlanach a' meòmhrachadh nach b' e àm toilichte a bh' ann dhan a h-uile duine aig deireadh an Dàrna Cogaidh.

Dè na tha cuimhn' agaibh air mun àm a chrìochnaich an cogadh?

Tha cuimhn' agam mar a bha a h-uile duine a' dèanamh gàirdeachais; 's e sin a h-uile càil, eil fhios agaibh. Agus na pairèidean agus na rudan eile mar sin. Agus an droch thaobh dheth, nuair a thigeadh daoine dhachaigh agus na daoine nach do thill, eil fhios. Ach 's e àm sònraichte a bh' ann nuair a sguir an cogadh. Bha a h-uile duine cho toilichte, ach cha robh e cho math dhan fheadhainn a chaill cuideigin sa chogadh. Agus bha aon chailleach an siud, màthair an fhear sin a bha am feachd an adhair, bha ise a' fuireach san Spideal agus bha i a' beò ann an dòchas fad a' chogaidh gun nochdadh e, eil fhios agaibh. Bha i den bheachd gur dòcha gun deach a ghlacadh na phrìosanach, agus mu dhà bhliadhna an dèidh deireadh a' chogaidh agus nach do thill Seonaidh a-riamh. Is cinnteach, saoilidh mi gun deach a bhàthadh sa mhuir, eil fhios agaibh. Mar sin bhàsaich a' chailleach le cridhe briste an uairsin. Cha do sheas i fada ris. Mar sin bha sgeulachdan uabhasach leithid sin ann, droch sgeulachdan tùrsach, dòrainneach.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Uilleam Sutharlanach air deireadh a' chogaidh

GALLAIBH: Hacraig

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; fèillean; fèill-ghàirdeachais; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)