Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tràigh agus raon goilf Ros Maircnidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0901
ÀITE
Ros Mhaircnidh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32823
KEYWORDS
cairtean-puist
Cruithnich
eaglaisean
Cathair Eaglaisean
naoimh
goilf
raointean goilf
Coinneach Mac Coinnich
Coinneach Odhar
Fiosaiche Chinn Tàile
buidsich
fiosaichean
buidseachd
bailtean
taighean-tasgaidh
Rosemarkie Beach and golf course

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn an tràigh agus an raon goilf ann an Ros Maircnidh, Siorrachd Rois. Tha eaglais sgìre Rois Mhaircnidh (1818-21) ri aghaidh ne deilbh. Chaidh clachan Chruithneach a lorg anns an eaglais is ann an gàradh na h-eaglaise, a' dearbhadh gun robh baile Cruithneach an sin anns an 8mh is 9mh linn. Tha na clachan an-diugh ann an Taigh-tasgaidh Taigh Groam air an Àrd Sràid ann an Ros Maircnidh.

Thathar den bheachd gun tàinig an Naomh Boniface gu na Cruithnich ann an Ros Maircnidh leis an t-soisgeul tràth san 8mh linn, ach tha teisteanas de thuineachadh Crìosdail on 7mh linn ann cuideachd. Stèidhich Boniface manachainn far a bheil an eaglais an-diugh, agus ann an 1125 chaidh a' chiad Chathair-eaglais ann an Siorrachd Rois a thogail air an aon làraich.

Chaidh an raon goilf ann an Ros Maircnidh ann am meadhan na cairte. Air a stèidheachadh le Seumas Braid ann an 1888, chaidh an cùrsa a thogail aig Nis na Cananaich (air an làimh chlì gu h-àrd) air an rubha le taigh-solais Rois Mhaircnidh aig a cheann. Tha an rathad chun taigh-solais a' dèanamh dà phàirt den chùrsa. A rèir uirsgeul, 's ann aig Nis na Cananaich a chaidh Coinneach Odhar a losgadh gu bàis ann am baraille làn teàrr theth, is casaid buidseachd na aghaidh.

Tha tràigh Rois Mhaircnidh, an raon goilf is Taigh-tasgaidh Taigh Groam am measg na goireasan a tha luchd-turais a' cleachdadh ann an Ros Maircnidh gach samhradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tràigh agus raon goilf Ros Maircnidh

ROS: Ros Mhaircnidh

1930an; 1940an

cairtean-puist; Cruithnich; eaglaisean; Cathair Eaglaisean; naoimh; goilf; raointean goilf; Coinneach Mac Coinnich; Coinneach Odhar; Fiosaiche Chinn Tàile; buidsich; fiosaichean; buidseachd; bailtean; taighean-tasgaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection