Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh de Loch Shìldeig bho Bheinn Shìldeig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0902
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1910an; 1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32824
KEYWORDS
cairtean
eileanan
lochan
Sìldeag
grìomhachas an iasgaich
giuthas, an Cabhlach Rìoghail
Riaghladh a' Chabhlaich Rìghail
Cogadh Napoleon
Urras Nàiseanta na h-Alba
View of Loch Shieldaig from Ben Shieldaig

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch Shìldeig o Bheinn Shìldeig ann an Siorrachd Rois. Ann am meadhan na cairt chithear Eilean Shìldeig agus, air tìr-mòr, mu choinneamh an eilein tha baile Shìldeig.

Thathar dhen bheachd gun do chuireadh sìol giuthais an Eilean Shìldeig anns na 1800an airson gum biodh pòlaichean am baile Shìldeig airson lìn-iasgaich agus bhàtaichean.

Thogadh baile Shìldeig tràth anns na 1800an gus teaghlaichean a bhrosnachadh gus beòshlaint a chosnadh bho iasgach. B' e aon eile dhe na prìomh adhbharan am baile a thogail, maraichean a thogail agus an trèanadh dhan Chabhlach Rìoghail ri linn Cogadh Napoleon. Thairg Riaghladh a' Chabhlaich Rìoghail taic-airgid do mhuinntir Shìldeig gus taighean agus bàtaichean a thogail, agus chosgadh £2700 air na trì prìomh shràidean ann an Sìldeag a thogail.

Tha Eilean Shìldeig a-nis le Urras Nàiseanta na h-Alba mar Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail. Tha iomadh seòrsa eòin a' còmhnaidh ann, nam measg an clamhan ruadh, a' chorra-ghritheach, agus comhachagan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh de Loch Shìldeig bho Bheinn Shìldeig

ROS: A' Chomraich

1910an; 1920an

cairtean; eileanan; lochan; Sìldeag; grìomhachas an iasgaich; giuthas, an Cabhlach Rìoghail; Riaghladh a' Chabhlaich Rìghail; Cogadh Napoleon; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection