Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Shìldeig agus Beanntan Thoirbheartann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0907
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32829
KEYWORDS
cairtean
lochan
beanntan
Loch Shìldeag
Eilean Shìldeag
gnìomhachas an iasgaich
sgadan
an Cabhlach Rìoghail
Cogadh Napoleon
Toirbheartan
clach-ghainmhich Thoirbheartan
creag-eòlas
Liathach
Beinn Eighe
Beinn Ailiginn
Beinn Dearg
The village of Shieldaig and the Torridon Mountains

Tha a' chairt seo a' sealltainn baile Shìldeig agus beanntan Thoirbheartan ann an Taobh Siar Siorrachd Rois. Tha Loch Shìldeig agus Eilean Shìldeig cuideachd rim faicinn.

Thathar dhen bheachd gun do chuireadh sìol giuthais an Eilean Shìldeig anns na 1800an airson gum biodh pòlaichean am baile Shìldeig airson lìn-iasgaich agus bhàtaichean.

Thogadh baile Shìldeig tràth anns na 1800an gus teaghlaichean a bhrosnachadh gus beòshlaint a chosnadh bho iasgach. B' e aon eile dhe na prìomh adhbharan am baile a thogail maraichean a thogail agus an trèanadh dhan Chabhlach Rìoghail ri linn Cogadh Napoleon. Thairg Raighladh a' Chabhlaich Rìoghail taic-airgid do mhuinntir Shìldeig gus taighean agus bàtaichean a thogail, agus chosgadh £2700 air na trì prìomh shràidean ann an Sìldeag a thogail.

Cha deach iarraidh air maraichean Shìldeig a dhol dhan chogadh air sgàth 's gun do rinneadh a' chùis air Napoleon aig Bhatairliù, ach lean am baile air a' soirbheachadh nuair a thàinig piseach air gnìomhachas iasgach an sgadain. An-diugh 's e muasgain-chaola agus feusgain a bhithear ag iasgach ann an Sìldeag oir is fhada o na dh'fhalbh an sgadan às an sgìre, ach tha an seann ainm fhathast air a bhaile, a' ciallachadh "Camas an sgadain".

'S e beanntan Thoirbheartan cuid de na beanntan as àirde ann am Breatainn, agus tha cliù aca mar an fheadhainn as sine san Roinn Eòrpa. 'S ann de chlach-ghainmhich Thoirbheartan a tha iad dèante. 'S e an ainmean Liathach, Beinn Eighe, Beinn Ailiginn agus a' Bheinn Dearg. 'S i Liathach as àirde dhe na beanntan, agus tha i ag èirigh 3500 troigh bho na lochan mara

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Shìldeig agus Beanntan Thoirbheartann

ROS: A' Chomraich

1930an; 1940an

cairtean; lochan; beanntan; Loch Shìldeag; Eilean Shìldeag; gnìomhachas an iasgaich; sgadan; an Cabhlach Rìoghail; Cogadh Napoleon; Toirbheartan; clach-ghainmhich Thoirbheartan; creag-eòlas; Liathach; Beinn Eighe; Beinn Ailiginn; Beinn Dearg

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection