Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Shildeig agus loch
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0909
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an; 1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32831
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
beinn
bailtean
ainmean-àite
Shieldaig village and loch

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn baile Shìldeig air bruthaichean Loch Shìldeig. Chithear Loch Toirbheartan aig astar. 's e Eilean Shìldeig a th' ann am meadhan na deilbh.

Thathar den bheachd gun deach sìol giuthas Albannach a chur air an eilean anns na 1800an gus pòlaichean a thoirt do mhuinntir Shìldeig airson lìn iasgaich agus soithichean. Tha Eilean Shìldeig an-diugh le Urras Nàiseanta na h-Alba agus na Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail. Tha iomadh seòrsa isean a' fuireach air an eilean, nam measg speireagan ruadh, corra-ghrithich agus caillich-oidhche.

Chaidh Sìldeag a thogail tràth anns na 1800an gus teaghlaichean a bhrosnachadh cùrsa-beatha a dhèanamh de dh' iasgach. B' e adhbhar eile a chaidh am baile a leasachadh gus seòladairean a thrèanadh airson an Nèibhidh Rìoghail anns na cogaidhean an aghaidh Napoleon. Thug an Nèibhi taic-airgid do mhuinntir Shìldeig gus taighean is bàtaichean a thogail, agus chaidh £2700 a chosg air na trì prìomh shràidean ann an Sìldeag a thogail. Cha tànaig air seòladairean Shìldeig a dhol a shabaid air sgàth 's gun deach làmh an uachdar fhaighinn air Napoleon aig Waterloo, ach shoirbhich leis a' bhaile ri linn gnìomhachas an sgadain.

An-diugh, tha bàtaichean-iasgaich Shìldeig a' faighinn muasgain-chaola agus feusgain; 's fhada o nach robh sgadan anns an sgìre, ach tha ainm a' bhaile, a' ciallachadh Bàgh an Sgadain, mar chuimhneachan air a' ghnìomhachas

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Shildeig agus loch

ROS: A' Chomraich

1950an; 1960an

cairtean-puist; lochan; beinn; bailtean; ainmean-àite

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection