Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìldeag on taobh a tuath
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0910
ÀITE
Sìldeag
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32832
KEYWORDS
cairtean
eileanan
lochan
Sìldeag
grìomhachas an iasgaich
giuthas, an Cabhlach Rìoghail
Riaghladh a' Chabhlaich Rìoghail
Cogadh Napoleon
Urras Nàiseanta na h-Alba
Shieldaig from the north

Tha a' chairt seo a' sealltainn baile Shìldeig ann an Taobh Siar Siorrachd Rois, on taobh a tuath.

Thogadh baile Shìldeig tràth anns na 1800an gus teaghlaichean a bhrosnachadh gus beòshlaint a chosnadh bho iasgach. B' e aon eile dhe na prìomh adhbharan am baile a thogail, maraichean a thogail agus an trèanadh dhan Chabhlach Rìoghail ri linn Cogadh Napoleon. Thairg Riaghladh a' Chabhlaich Rìoghail taic-airgid do mhuinntir Shìldeig gus taighean agus bàtaichean a thogail, agus chosgadh £2700 air na trì prìomh shràidean ann an Sìldeag a thogail.

Cha deach iarraidh air maraichean Shìldeig a dhol dhan chogadh air sgàth 's gun do rinneadh a' chùis air Napoleon aig Bhatairliù, ach lean am baile air a' soirbheachadh nuair a thàinig piseach air gnìomhachas iasgach an sgadain. An-diugh 's e muasgain-chaola agus feusgain a bhithear ag iasgach ann an Sìldeag oir is fhada o na dh'fhalbh an sgadan às an sgìre, ach tha an seann ainm fhathast air a bhaile, a' ciallachadh "Camas an sgadain"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìldeag on taobh a tuath

ROS: A' Chomraich

1930an; 1940an

cairtean; eileanan; lochan; Sìldeag; grìomhachas an iasgaich; giuthas, an Cabhlach Rìoghail; Riaghladh a' Chabhlaich Rìoghail; Cogadh Napoleon; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn baile Shìldeig ann an Taobh Siar Siorrachd Rois, on taobh a tuath. <br /> <br /> Thogadh baile Shìldeig tràth anns na 1800an gus teaghlaichean a bhrosnachadh gus beòshlaint a chosnadh bho iasgach. B' e aon eile dhe na prìomh adhbharan am baile a thogail, maraichean a thogail agus an trèanadh dhan Chabhlach Rìoghail ri linn Cogadh Napoleon. Thairg Riaghladh a' Chabhlaich Rìoghail taic-airgid do mhuinntir Shìldeig gus taighean agus bàtaichean a thogail, agus chosgadh £2700 air na trì prìomh shràidean ann an Sìldeag a thogail.<br /> <br /> Cha deach iarraidh air maraichean Shìldeig a dhol dhan chogadh air sgàth 's gun do rinneadh a' chùis air Napoleon aig Bhatairliù, ach lean am baile air a' soirbheachadh nuair a thàinig piseach air gnìomhachas iasgach an sgadain. An-diugh 's e muasgain-chaola agus feusgain a bhithear ag iasgach ann an Sìldeag oir is fhada o na dh'fhalbh an sgadan às an sgìre, ach tha an seann ainm fhathast air a bhaile, a' ciallachadh "Camas an sgadain"