- TIOTAL
- Gleann Dochartaich agus Loch Ma-Ruibhe
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0912
- ÀITE
- Gleann Dochartaich
- SGÌRE
- Geàrrloch
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Geàrrloch
- LINN
- 1890an; 1900an
- CRUTHADAIR
- J Valentine & Co.
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 32834
- KEYWORDS
- cairtean
lochan
naoimh
Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe
eileanan
bealaich
glinn

Tha a' chairt seo a' sealltainn each agus cairt ann an Gleann Dochartaich air Taobh Siar Siorrachd Rois. Tha am bealach caol, dùinte, le seallaidhean eireachdail de Loch Ma-Ruibhe. 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.
Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibhe ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhna h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe