Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach bho àite os cionn Chinn Loch Iùbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0917
ÀITE
Ceann Loch Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32839
KEYWORDS
cairtean
lochan
naoimh
Maelrubha,
Eilean Ma-Ruibhe
eileanan
beanntan, an Sleaghach
loidsichean
Loch Maree and Ben Slioch from above Kinlochewe Lodge

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach bho àite os cionn Loidse Cheann Loch Iùbh air Taobh Siar Siorrachd Rois. Air an taobh dheas dhen loidse tha Abhainn Cheann Loch Iùbh. Thogadh an loidse ri linn Banrigh Bhictòria mar loidse-seilg Gàidhealach dhen t-seòrsa àbhaisteach.

'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.

Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe.

Tha Sleaghach, anns a bheil 3,220 troigh a dh'àirde, na seasamh àrd os cionn a' chladaich an ear-dheas de Loch Ma-Ruibhe. Chan urrainn a streap ach on aon taobh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach bho àite os cionn Chinn Loch Iùbh

ROS: Geàrrloch

1930an

cairtean; lochan; naoimh; Maelrubha,; Eilean Ma-Ruibhe; eileanan; beanntan, an Sleaghach; loidsichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection