Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bogha-frois air Loch Ma-Ruibhe, faisg air Tealladal
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0922
ÀITE
Ceann Loch Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32844
KEYWORDS
cairtean
lochan
naoimh
Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe
eileanan
Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe
Banrigh Bhictoria
Rainbow on Loch Maree, near Talladale

Tha a' chairt seo a' sealltainn bogha-frois' air Loch Ma-Ruibhe, faisg air Tealladal air Taobh Siar Siorrachd Rois. Chan eil ann an Tealladal ach beagan thaighean, ach tha e ainmeil air sgàth Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe far an do dh'fhuirich a' Bhanrigh Bhictòria nuair a bha i air turas dhan Ghàidhealtachd.

'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.

Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bogha-frois air Loch Ma-Ruibhe, faisg air Tealladal

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean; lochan; naoimh; Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe; eileanan; Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe; Banrigh Bhictoria

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn bogha-frois' air Loch Ma-Ruibhe, faisg air Tealladal air Taobh Siar Siorrachd Rois. Chan eil ann an Tealladal ach beagan thaighean, ach tha e ainmeil air sgàth Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe far an do dh'fhuirich a' Bhanrigh Bhictòria nuair a bha i air turas dhan Ghàidhealtachd.<br /> <br /> 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.<br /> <br /> Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe