Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eileanan Loch Ma-Ruibhe bho àite os cionn Tealladal
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0931
ÀITE
Ceann Loch Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32852
KEYWORDS
cairtean
lochan
naoimh
Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe
eileanan
The islands of Loch Maree, from above Talladale

Tha a' chairt seo a' sealltainn eileanan Loch Ma-Ruibhe bho àite os cionn Tealladal ann an Taobh Siar Rois. Tha còrr is trichead eilean anns an loch, còig dhiubh meadhanach mòr.

Chan eil ann an Tealladal ach beagan thaighean, ach tha e ainmeil air sgàth Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe far an do dh'fhuirich a' Bhanrigh Bhictòria nuair a bha i air turas dhan Ghàidhealtachd.

'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.

Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eileanan Loch Ma-Ruibhe bho àite os cionn Tealladal

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean; lochan; naoimh; Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe; eileanan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection