Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobar Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0935
ÀITE
Eilean Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32856
KEYWORDS
cairtean
Banrigh Bhictòria
tobraichean
leigheas
cuthach
Maelrubha
fuarain
naoimh
Loch Ma-Ruibhe
deas-ghnàthan
craobhan
Craobh an Airgid
craobhan daraich
beul-aithris
An Tobar Beannaichte
St. Maelrhuba's Well, Isle Maree

Tha a' chairt seo a' sealltainn Tobar Naomh Ma-Ruibhe, a dh'aithnichear cuideachd mar "An Tobar Beannaichte", Eilean Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. Ri taobh an tobair tha craobh daraich ris an canar "Craobh an Airgid".

Bhathar a' smaoineachadh air an tobar mar thobar beannaichte ro linn na Crìosdaidheachd, ach tro na linntean bhathar ga cheangal ri Maelrhubha. Stèidhich an naomh Èireannach seo manachainn air a' Chomraich faisg air làimh, agus na b' anmoiche chaidh e a dh'fhuireach ann an Eilean Ma-Ruibhe, fear de na h-eileanan ann an Loch Ma-Ruibhe.

Bha beachd ann gun robh cumhachd leighis anns an tobar, gu h-àraidh dhan chuthach. Mar phàirt dhe na deas-ghnàthan a bha riatanach airson leigheas fhaighinn, dh'fheumte uisge òl on tobar, fhad 's a bhithte a' dèanamh ìobairt le bhith ceangal luideag ri "Craobh an Airgid" faisg air làimh. B' e dòigh eile, iomall bonn airgid a phutadh a-steach ann an rùsg na craoibhe. A rèir beul-aithris na sgìre, tha buinn a thuiteas às a' chraoibh nan comharran air dùrachdan nach tèid an coileanadh.

Mhair cuairtean chun an tobair gu na 1850an . Dh'fhàs an tobar cho ainmeil 's gun deach a' Bhanrigh Bhictòria thuige ann an 1877, agus dh'fhàg i bonn aig "Craobh an Airgid". Chan eil doimhneachd anns an ùir mun chraoibh air sgàth gu bheil an àireamh de bhuinn a chaidh an lorg air beulaibh stoc na craoibhe cho mòr. 'S ann bho 1828 tha am bonn as sine a fhuaradh anns a' chraoibh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobar Maelrubha, Eilean Ma-Ruibhe

ROS: Geàrrloch

1920an; 1930an

cairtean; Banrigh Bhictòria; tobraichean; leigheas; cuthach; Maelrubha; fuarain; naoimh; Loch Ma-Ruibhe; deas-ghnàthan; craobhan; Craobh an Airgid; craobhan daraich; beul-aithris; An Tobar Beannaichte

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection