Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobraichean is Fuarain Leigheasach sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan (2 de 3)
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0935_A
ÀITE
Eilean Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32857
KEYWORDS
tobar
tobar nam miann
deas-ghnàthan
deas-ghnàth
craobhan
beul-aithris
Healing Wells and Springs in the Highlands & Islands (2 of 3)

Shìos fodha tha liosta de chuid de na fuarain, lochan is tobraichean air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan a bha, agus a tha fhathast do chuid de dhaoine, nan àiteachan aig an robh an cumhachd daoine a shlànachadh. (San dealbh chithear An Tobar Naomh air Eilean Ma-Ruibhe ann an Ros an Iar.)

Tha iomadh tobar eile ann a tha ceangailte ri saobh-chràbhadh sgìreil. Ann an "The Records of the Meeting of the Exercise of Alford" (New Spalding Club, 1847 dg. 415) tha luaidh air sia ceud tobar ann an Alba. Bha tòrr dhiubh nach robh idir nan tobraichean "naomh" no slànachaidh. Bha daoine den bheachd gu robh feadhainn aca le cumhachd a thaobh na sìde agus feadhainn a bha fiù 's nan tobraichean le cumhachd nam mallachdan.

Tha adhradh nan tobraichean a' dol air ais gu làithean tràth nan Ceilteach , ach bha an Eaglais Albannach gu dubh na aghaidh, cho dona 's gun deach an t-adhradh sin a thoirmeasg le Seisean na h-Eaglais san t-seachdamh linn deug. Chaidh òrdachadh "Whosoever shall be found guiltie of the premises that they mak ther publick repent-ance in sack cloth befor the congregaône" (Northern Notes & Queries lr. IV 1890 dgn. 27-8)

SIORRACHD INBHIR NIS (LEANT.)

DABHACH GHAIRBHEACH - Fuaran Dearg. Tha am fuaran seo ra lorg air Cnoc Caplaich ceithir mìle an iar air Dabhach Ghairbheach. 'S e fuaran 'chalybeate' (tòrr iarainn san uisge) a th' ann. Chaidh amar cloiche a thogail an seo ann an 1822 le fear de MhacIlleathain Dhabhach Ghairbheach an dèidh do Mhorair Ghrannd leigheas fhaighinn le bhith 'g òl an uisge an dèidh dha fàs tinn nuair a bha e a-muigh a' sealg.

GLEANN EILG - An Tobar Bhàn. 'S e tobar a shlànaicheas a h-uile tinneas a tha seo, air a dhìon le breac naomh.

INBHIR MHOIREASDAIN - Fuaran Cholm Chille. Tha iad ag ràdh gun deach uisge an fhuarain seo a bheannachadh le Colm Cille gus am baisteadh e na draoidhean sgìreil an seo a bha e an dèidh iompachadh. Tha an t-uisge math cuideachd, bha iad a' creidsinn, airson torrachas agus airson an lòinidh agus ceann-daoraich a leigheas.

INBHIR NIS - Fuaran a' Chreagain Bhreac. Tha am fuaran seo ra lorg os cionn seann ospadal Chreag Dhùn Eathain. 'S e fuaran nan luideagan ("clootie" well) a bh' ann ach cuideachd le ìobairtean de shligean agus de mholagan, agus bha iad a' cur ris gu robh cumhachdan tarraing-às an uisge bhon chorp aige. Bha iad a' creidsinn cuideachd gur e tobar-sìthe a bh' ann agus nan deigheadh pàiste lag, a bha iad den bheachd a bha na phàiste-atharrachaidh sìthe, fhàgail ri taobh an fhuarain fad na h-oidhche le ìobairt de bhobhla bainne, gum biodh am pàiste fallain aig a' mhàthair air a chur air ais ro mhadainn.

INBHIR NIS - Tobar an t-Seanalair. Air a' bhruaich an iar aig ceann a deas Eileanan Nis. Ainm aige airson tinneas nan casan cama a shlànachadh.

CINN A' GHIÙTHSAICH - Bha tobar nam miann ri taobh an uillt a bha a' sruthadh à Loch Guineach, ach faisg air cuideachd bha fuaran eile ann, tha e coltach, a bheireadh neo-bhàsmhorachd seachad. Bha am fuaran seo am falach ach don fheadhainn a bha airidh air fheartan.

CAISTEAL LEYS - Fuaran a' Cheapaich. Trì mile an earra dheas air Inbhir Nis, fuaran a tha a-nis air a chòmhdach thairis. 'S ann à Loch Abar a thàinig an tobar, air a ghluasad nuair a ghabh an tathasg a bh' ann oilbheum. Bha iad den bheachd gun slànaicheadh an t-uisge, air òl no air a chur air a' chraiceann, a h-uile seòrsa tinneas, ach gu robh e gu h-àraid eifeachdach airson an spùt a leigheas. Bha cumhachd aig an uisge cuideachd, bha iad a' creidsinn, an rud a bha an dàn do dhuine tinn a nochdadh. Chuireadh iad clach air pìos fiodha agus chaidh a chur aig bonn an fhuarain. Nan leumadh e suas dhan uachdar thigeadh piseach air an duine, agus mur nach leumadh, bhàsaicheadh e.

RÀTHAIG MHÒR - Tha am fuaran seo ra lorg air fearann Ospadail an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Chaidh an t-uisge a chleachdadh gus an triuthach a leigheas.

BÀGH URCHARDAIN - Fuaran an Naoimh Ninnein. 'S ann ri taobh Eaglais an Naoimh Ninnein ann an Druim na Drochaid a bha am fuaran 'luideagan' seo. Bha iad a' tadhal air co-dhiù gu toiseach an fhicheadamh linn agus cumhachd aige, bhiodh iad ag ràdh, iomadh tinneas a shlànachadh.

FUARAN GLAIC AN AMAIR - Fuaran ann an Glaic an Amair, sloc domhain a tha a' tuiteam gu cas a-steach gu Abhainn Farragaig air taobh a deas Loch Nis. Bha iad den bheachd gu robh feartan leigheasach agus draoidheil aige. Bhiodh luspardan uisge ann agus bhiodh ribeanan agus buinn air am fàgail nan ìobairtean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobraichean is Fuarain Leigheasach sa Ghàidhealtachd & sna h-Eileanan (2 de 3)

ROS: Geàrrloch

tobar; tobar nam miann; deas-ghnàthan; deas-ghnàth; craobhan; beul-aithris

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection