Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0936
ÀITE
Ceann Loch Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1900an; 1910anan
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32858
KEYWORDS
cairtean
lochan
naoimh
Maelrubha
Eilean Ma-Ruibhe
eileanan
bàtaichean-ràmh
<br /> bàtaichean
Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe
Loch Maree

Tha a' chairt seo a' sealltainn bàta-ràimh le luchd-siubhail ann an Loch Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. Ri linn Banrìgh Bhictòria, bhiodh luchd-turais a thigeadh dhan Ghàidhealtachd glè thric a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe faisg air làimh. Gheibhte chun na loch o thaobh a-muigh an taigh-òsta, a' leigeil le luchd-turais a bhith ag iomradh tarsainn na loch gus a dhol chun nan eileanan air Loch Ma-Ruibhe, air neo gus latha a chur seachad ag iasgach.

'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch ach tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite. Thathar dhen bheachd gun d' fhuair Loch Ma-Ruibhe an t-ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe

ROS: Geàrrloch

1900an; 1910anan

cairtean; lochan; naoimh; Maelrubha; Eilean Ma-Ruibhe; eileanan; bàtaichean-ràmh;<br /> bàtaichean;Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn bàta-ràimh le luchd-siubhail ann an Loch Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. Ri linn Banrìgh Bhictòria, bhiodh luchd-turais a thigeadh dhan Ghàidhealtachd glè thric a' fuireach aig Taigh-òsta Loch Ma-Ruibhe faisg air làimh. Gheibhte chun na loch o thaobh a-muigh an taigh-òsta, a' leigeil le luchd-turais a bhith ag iomradh tarsainn na loch gus a dhol chun nan eileanan air Loch Ma-Ruibhe, air neo gus latha a chur seachad ag iasgach.<br /> <br /> 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch ach tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite. Thathar dhen bheachd gun d' fhuair Loch Ma-Ruibhe an t-ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe