Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0960
ÀITE
Geàrrloch
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32882
KEYWORDS
cairtean
lochan
naoimh
Maelrubha
Eilean Ma-Ruibhe
eileanan
beanntan
an Sleaghach
iasgach
bric
Loch Maree and Ben Slioch

Tha a' chairt seo a' sealltainn Sleaghach agus Loch Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. Tha Loch Ma-Ruibhe air cliù a chosnadh airson nam bric gheala is motha ann am Breatainn, agus bidh na h-eileanan, a tha pailt air, a' tarraing mòran de luchd-turais a h-uile bliadhna. 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.

Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe.

Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibhe ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe. Tha Sleaghach, anns a bheil 3,220 troigh a dh'àirde, na seasamh àrd os cionn a' chladaich an ear-dheas de Loch Ma-Ruibhe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe agus Sleaghach

ROS: Geàrrloch

1930an

cairtean; lochan; naoimh; Maelrubha; Eilean Ma-Ruibhe; eileanan; beanntan; an Sleaghach; iasgach; bric

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Sleaghach agus Loch Ma-Ruibhe air Taobh Siar Siorrachd Rois. Tha Loch Ma-Ruibhe air cliù a chosnadh airson nam bric gheala is motha ann am Breatainn, agus bidh na h-eileanan, a tha pailt air, a' tarraing mòran de luchd-turais a h-uile bliadhna. 'S e loch fìor-uisg' a th' ann an Loch Ma-Ruibhe anns a bheil dà mhìle dheug a dh'fhaid, bho Cheann Loch Iùbh gu faisg air Poll Iùbh. Chan eil ach mu leth mhìle a leud anns a' mhòr-chuid dhen loch. Tha i a' leudachadh gu mu mhìle ann an corra àite agus tha grunn de dh'eileanan beaga innte.<br /> <br /> Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibh ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe.<br /> <br /> Thathar dhen bheachd gun d'fhuair Loch Ma-Ruibhe ainm bhon naomh Èireannach Maelrubha, a stèidhich manachainn air a' Chomraich faisg air làimh. Na b' anmoiche, thàinig Maelrubha a dh'fhuireach air fear dhe na h-eileanan air Loch Ma-Ruibhe, Eilean Ma-Ruibhe. Tha Sleaghach, anns a bheil 3,220 troigh a dh'àirde, na seasamh àrd os cionn a' chladaich an ear-dheas de Loch Ma-Ruibhe