Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean de Ghleann Seile
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0985
ÀITE
Gleann Seile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32906
KEYWORDS
cairtean-puist
Blàr Ghleann Seile
Seumasaich
glinn
Rathad nan Eilean
Na Còig Peathraichean
Creag nan Damh
Sgùrr an Lochain
Sgùrr na Sgine
An Dìollaid
beanntan
aibhnichean
caistealan
Clann MhicCoinnich Chinn Tàile
Lt. Còirneal MacRath-Gil
Views of Glen Shiel

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn grunn sheallaidhean de Ghleann Seile ann an sgìre Shiorrachd Rois. Tha Gleann Seile a' còmhdach astar deich mhìle bho Loch Dubhthaich gu Gleann Chluainidh. Tha an Gleann mar phàirt de sheann Rathad nan Eilean agus tha grunn stùcan àrda ann. Ann an ceann a tuath Ghleann Seile, tha na stùcan a tha aithnichte mar Na Còig Peathraichean (air an sealltainn clì don mheadhan) agus gu deas tha beanntan a tha ag èirigh gu thairis air 3000 troigh, a' gabhail a-steach Creag nan Damh, Sgùrr an Lochain, Sgùrr na Sgine agus An Dìollaid.

Air an 10mh Ògmhios 1719, chaidh Batal Ghleann Seile a chur sa ghleann seo le caidreachas de Sheumasaich Ghàidhealach agus Spàinntich an aghaidh saighdearan an Riaghaltais Bhreatannaich. Thug an t-arm Breatannach buaidh sa bhatal.

Tha saidhbhreas ann an Gleann Seile a thaobh turasachd a' gabhail a-steach Caisteal Eilean Donnain, a chithear an seo san dealbh air an làimh dheis sa mheadhan agus aig a' bhonn. Air a thogail san 13mh linn, bha e glèidhte aig Clann Mhic Coinnich Chinn Tàile airson 400 bliadhna ach chaidh a sgrios le cabhlach an Riaghaltais ann an 1719 nuair a bha sealbh aig saighdearan Spàinnteach agus Seumasach air. Chaidh an caisteal a th' ann an-diugh ath-thogail bhon tobhta a bh' ann le Leifteanant Còirneal MacRath-Gilstrap agus chuireadh crìoch air ann an 1932, agus thàinig e gu bhith na aon de na caistealan as ainmeile ann an Alba do luchd-togail dheilbh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean de Ghleann Seile

ROS: Loch Aillse

1950an

cairtean-puist; Blàr Ghleann Seile; Seumasaich; glinn; Rathad nan Eilean; Na Còig Peathraichean; Creag nan Damh; Sgùrr an Lochain; Sgùrr na Sgine; An Dìollaid; beanntan; aibhnichean; caistealan; Clann MhicCoinnich Chinn Tàile; Lt. Còirneal MacRath-Gil

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn grunn sheallaidhean de Ghleann Seile ann an sgìre Shiorrachd Rois. Tha Gleann Seile a' còmhdach astar deich mhìle bho Loch Dubhthaich gu Gleann Chluainidh. Tha an Gleann mar phàirt de sheann Rathad nan Eilean agus tha grunn stùcan àrda ann. Ann an ceann a tuath Ghleann Seile, tha na stùcan a tha aithnichte mar Na Còig Peathraichean (air an sealltainn clì don mheadhan) agus gu deas tha beanntan a tha ag èirigh gu thairis air 3000 troigh, a' gabhail a-steach Creag nan Damh, Sgùrr an Lochain, Sgùrr na Sgine agus An Dìollaid.<br /> <br /> Air an 10mh Ògmhios 1719, chaidh Batal Ghleann Seile a chur sa ghleann seo le caidreachas de Sheumasaich Ghàidhealach agus Spàinntich an aghaidh saighdearan an Riaghaltais Bhreatannaich. Thug an t-arm Breatannach buaidh sa bhatal.<br /> <br /> Tha saidhbhreas ann an Gleann Seile a thaobh turasachd a' gabhail a-steach Caisteal Eilean Donnain, a chithear an seo san dealbh air an làimh dheis sa mheadhan agus aig a' bhonn. Air a thogail san 13mh linn, bha e glèidhte aig Clann Mhic Coinnich Chinn Tàile airson 400 bliadhna ach chaidh a sgrios le cabhlach an Riaghaltais ann an 1719 nuair a bha sealbh aig saighdearan Spàinnteach agus Seumasach air. Chaidh an caisteal a th' ann an-diugh ath-thogail bhon tobhta a bh' ann le Leifteanant Còirneal MacRath-Gilstrap agus chuireadh crìoch air ann an 1932, agus thàinig e gu bhith na aon de na caistealan as ainmeile ann an Alba do luchd-togail dheilbh