- TIOTAL
- Loch Seile agus Carragh-cuimhne Gleann Fhionghain
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0993
- ÀITE
- Gleann Fhionghain
- SGÌRE
- Loch Abar
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 32914
- KEYWORDS
- cairtean-puist
lochan
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
Alasdair Dòmhnallach, Fear Ghlinn Alladail
John Greenshields
Lochiall
Camshronaich
Urras Nàiseanta na h-Alba

Tha a' chairt seo a' sealltainn dealbh de Loch Seile agus Carragh-cuimhne Gleann Fhionghain ann an Loch Abar.
Chan eil ach trì lochan eile ann an Alba a tha nas fhaide na Loch Seile, anns a bheil 25 cil a dh' fhaid agus 150 m a dhoimhneachd. Tha e 25 cil an iar air a' Ghearasdan, agus b' e loch mara a bh' ann o thùs, ach air sgàth gun do thuit ìre na mara, dh' atharraich e gu bhith na loch fìor-uisg'.
Aig ceann Loch Seile, tha an Carragh-Cuimhne don Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart. Tha 18m a dh' àirde anns an tùr chruinn, bharrabhallach seo, a chaidh a thogail ann an 1815 le Alasdair Dòmhnallach, Fear Ghlinn Alladail ("Mac Iain Òig"), mar chuimhneachan air toiseach ar-a-mach nan Seumasach trì fichead bliadhna 's a deich roimhe, agus mar urram do mhuinntir nan cinnidhean a sheas air taobh a' Phrionnsa agus a chaill am beatha air a sgàth. Ann an 1834, chuir Aonghas Dòmhnallach Ghlinn Alladail iomhaigh chloiche le John Greenshields air, a' sealltainn a' Phrionnsa Teàrlach a' coimhead chun an ear, an taobh às an tàinig Loch Iall agus na Camshronaich a thoirt taic dha. Tha an Carraigh-cuimhne air a bhith fo ùghdarras Urras Nàiseanta na h-Alba o 1938