Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Gleann Fhionghain aig Loch Seile
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0994
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32915
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Am Prionnsa Teàrlach
Seumasaich
Alasdair Dòmhnallach, Fear Ghlinn Alladail
John Greenshields
Lochiall
Camshronaich
Urras Nàiseanta na h-Alba
Glenfinnan Monument at Loch Shiel

Tha a' chairt seo a' sealltainn dealbh le H.B. Wimbush den Charragh-cuimhne an Gleann Fhionghain aig Loch Seile ann an Loch Abar.

Chan eil ach trì lochan eile ann an Alba a tha nas fhaide na Loch Seile, anns a bheil 25 cil a dh' fhaid agus 150 m a dhoimhneachd. Tha e 25 cil an iar air a' Ghearasdan, agus b' e loch mara a bh' ann o thùs, ach air sgàth gun do thuit ìre na mara, dh' atharraich e gu bhith na loch fìor-uisg'.

Aig ceann Loch Seile, tha an Carragh-Cuimhne don Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart. Tha 18m a dh' àirde anns an tùr chruinn, bharrabhallach seo, a chaidh a thogail ann an 1815 le Alasdair Dòmhnallach, Fear Ghlinn Alladail ("Mac Iain Òig"), mar chuimhneachan air toiseach ar-a-mach nan Seumasach trì fichead bliadhna 's a deich roimhe, agus mar urram do mhuinntir nan cinnidhean a sheas air taobh a' Phrionnsa agus a chaill am beatha air a sgàth. Ann an 1834, chuir Aonghas Dòmhnallach Ghlinn Alladail iomhaigh chloiche le John Greenshields air, a' sealltainn a' Phrionnsa Teàrlach a' coimhead chun an ear, an taobh às an tàinig Loch Iall agus na Camshronaich a thoirt taic dha. Tha an Carraigh-cuimhne air a bhith fo ùghdarras Urras Nàiseanta na h-Alba o 1938

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Gleann Fhionghain aig Loch Seile

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1920an; 1930an

cairtean-puist; lochan; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich; Alasdair Dòmhnallach, Fear Ghlinn Alladail; John Greenshields; Lochiall; Camshronaich; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

Tha a' chairt seo a' sealltainn dealbh le H.B. Wimbush den Charragh-cuimhne an Gleann Fhionghain aig Loch Seile ann an Loch Abar.<br /> <br /> Chan eil ach trì lochan eile ann an Alba a tha nas fhaide na Loch Seile, anns a bheil 25 cil a dh' fhaid agus 150 m a dhoimhneachd. Tha e 25 cil an iar air a' Ghearasdan, agus b' e loch mara a bh' ann o thùs, ach air sgàth gun do thuit ìre na mara, dh' atharraich e gu bhith na loch fìor-uisg'. <br /> <br /> Aig ceann Loch Seile, tha an Carragh-Cuimhne don Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart. Tha 18m a dh' àirde anns an tùr chruinn, bharrabhallach seo, a chaidh a thogail ann an 1815 le Alasdair Dòmhnallach, Fear Ghlinn Alladail ("Mac Iain Òig"), mar chuimhneachan air toiseach ar-a-mach nan Seumasach trì fichead bliadhna 's a deich roimhe, agus mar urram do mhuinntir nan cinnidhean a sheas air taobh a' Phrionnsa agus a chaill am beatha air a sgàth. Ann an 1834, chuir Aonghas Dòmhnallach Ghlinn Alladail iomhaigh chloiche le John Greenshields air, a' sealltainn a' Phrionnsa Teàrlach a' coimhead chun an ear, an taobh às an tàinig Loch Iall agus na Camshronaich a thoirt taic dha. Tha an Carraigh-cuimhne air a bhith fo ùghdarras Urras Nàiseanta na h-Alba o 1938