Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-chuimhne Ghleann Fhionghain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0995
ÀITE
Gleann Fhionghain
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32916
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Seumasaich
Alasdair Dòmhnallach fear Ghleann Athaladail
Iain Greenshields
Loch Iall
Camshronaich
Urras Nàiseanta na h-Alba
Glenfinnan Monument

Anns a' chairt-phuist seo, chithear carragh-chuimhne Ghleann Fhionghain a tha aig Loch Seile ann an sgìre Loch Abar. Chaidh an tùr cruinn barrabhallach seo, anns a bheil 18 meatairean de dh'àirde, a chur an-àirde ann an 1815 le Alasdair MacDhòmhnaill fear Ghleann Athaladail gus toiseach ar-a-mach nan Seumasach seachdad bliadhna roimhe sin a chomharrachadh, agus mar ùmhlachd don luchd-cinnidh a ghabh pàirt agus a chaill am beatha air sgàth adhbhar a' Phrionnsa. Ann an 1834 chaidh ìomhaigh den Phrionnsa leis a' chlachair Iain Greenshields a chur suas le Aonghas MacDhòmhnaill, fear Ghleann Athaladail. Anns an ìomhaigh, tha am prionnsa a' coimhead don ear oir is ann às an taobh sin a thàinig Loch Iall agus na Camshronaich gus taic a thoirt don phrionnsa. Ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba thairis uallach air a' charragh-cuimhne ann an 1938

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-chuimhne Ghleann Fhionghain

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1960an

cairtean-puist; lochan; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Seumasaich; Alasdair Dòmhnallach fear Ghleann Athaladail; Iain Greenshields; Loch Iall; Camshronaich; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection