Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Prince Charlie's Monument, Loch Shiel

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn sealladh air Carragh-cuimhne a' Phrionnsa Theàrlaich aig ceann Loch Seile ann an sgìre Loch Abar.

Chaidh an tùr cruinn barrabhallach seo, anns a bheil 18 meatairean de dh'àirde, a chur an-àirde ann an 1815 le Alasdair Mac Dhòmhnaill à Gleann Athaladail gus toiseach ar-a-mach nan Seumasach trì fichead bliadhna 's a deich roimhe sin a chomharrachadh, agus mar ùmhlachd don luchd-cinnidh a ghabh pàirt agus a chaill am beatha air sgàth adhbhar a' Phrionnsa. B' e ogha don fhear a thug aoigheachd dhan Phrionnsa an oidhche ron Ar-a-mach a bh' ann am Mac Dhòmhnaill. Ann an 1834 chaidh ìomhaigh de shaighdear na fhèileadh (cha b' e am Prionnsa mar a bhathar an dùil) a chur suas leis a' chlachair Iain Greenshields à Caer Luaig. Ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba thairis uallach air a' charragh-cuimhne ann an 1938

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne a' Phrionnsa Theàrlaich, Loch Seile

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1940an

cairtean-puist; lochan; Teàrlach Èideard Stiùbhart; am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich; Alasdair Mac Dhòmhnaill à Gleann Athaladail; Iain Greenshields; Loch Iall; Camshronaich; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn sealladh air Carragh-cuimhne a' Phrionnsa Theàrlaich aig ceann Loch Seile ann an sgìre Loch Abar.<br /> <br /> Chaidh an tùr cruinn barrabhallach seo, anns a bheil 18 meatairean de dh'àirde, a chur an-àirde ann an 1815 le Alasdair Mac Dhòmhnaill à Gleann Athaladail gus toiseach ar-a-mach nan Seumasach trì fichead bliadhna 's a deich roimhe sin a chomharrachadh, agus mar ùmhlachd don luchd-cinnidh a ghabh pàirt agus a chaill am beatha air sgàth adhbhar a' Phrionnsa. B' e ogha don fhear a thug aoigheachd dhan Phrionnsa an oidhche ron Ar-a-mach a bh' ann am Mac Dhòmhnaill. Ann an 1834 chaidh ìomhaigh de shaighdear na fhèileadh (cha b' e am Prionnsa mar a bhathar an dùil) a chur suas leis a' chlachair Iain Greenshields à Caer Luaig. Ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba thairis uallach air a' charragh-cuimhne ann an 1938