Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Glenfinnan monument and Loch Shiel

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn sealladh air carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain aig Loch Seile ann an Loch Abar. Is e Loch Seile an ceathramh loch as fhaide ann an Alba, anns a bheil 25 cilemeatair de dh'fhaid agus 150 meatair de dhoimhne. Tha I 25 cilemeatairean an iar air a' Ghearasdan. Thòisich i mar loch-mhara ach leis gun robh ìrean na mara a' dol sìos, chaidh i na loch fhìor-uisge.

Aig ceann Loch Seile tha carragh-cuimhne don Phrionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart. Chaidh an tùr cruinn barrabhallach seo, anns a bheil 18 meatairean de dh'àirde, a chur an-àirde ann an 1815 le Alasdair Mac Dhòmhnaill à Gleann Athaladail gus toiseach ar-a-mach nan Seumasach seachdad bliadhna roimhe sin a chomharrachadh, agus mar ùmhlachd don luchd-cinnidh a ghabh pàirt agus a chaill am beatha air sgàth adhbhar a' Phrionnsa. B' e ogha don fhear a thug aoigheachd dhan Phrionnsa an oidhche ron Ar-a-mach a bh' ann am Mac Dhòmhnaill. Ann an 1834 chaidh ìomhaigh de shaighdear na fhèileadh (cha b' e am Prionnsa mar a bhathar an dùil) a chur suas leis a' chlachair Iain Greenshields à Caer Luaig. Ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba thairis uallach air a' charragh-cuimhne ann an 1938

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain agus Loch Seile

INBHIR NIS: Àrasaig 's Mùideart

1950an

cairtean-puist; lochan; Teàrlach Èideard Stiùbhart; am Prionnsa Teàrlach; Seumasaich; Alasdair Mac Dhòmhnaill à Gleann Athaladail; Iain Greenshields; Loch Iall; Camshronaich; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn sealladh air carragh-cuimhne Ghleann Fhionghain aig Loch Seile ann an Loch Abar. Is e Loch Seile an ceathramh loch as fhaide ann an Alba, anns a bheil 25 cilemeatair de dh'fhaid agus 150 meatair de dhoimhne. Tha I 25 cilemeatairean an iar air a' Ghearasdan. Thòisich i mar loch-mhara ach leis gun robh ìrean na mara a' dol sìos, chaidh i na loch fhìor-uisge. <br /> <br /> Aig ceann Loch Seile tha carragh-cuimhne don Phrionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart. Chaidh an tùr cruinn barrabhallach seo, anns a bheil 18 meatairean de dh'àirde, a chur an-àirde ann an 1815 le Alasdair Mac Dhòmhnaill à Gleann Athaladail gus toiseach ar-a-mach nan Seumasach seachdad bliadhna roimhe sin a chomharrachadh, agus mar ùmhlachd don luchd-cinnidh a ghabh pàirt agus a chaill am beatha air sgàth adhbhar a' Phrionnsa. B' e ogha don fhear a thug aoigheachd dhan Phrionnsa an oidhche ron Ar-a-mach a bh' ann am Mac Dhòmhnaill. Ann an 1834 chaidh ìomhaigh de shaighdear na fhèileadh (cha b' e am Prionnsa mar a bhathar an dùil) a chur suas leis a' chlachair Iain Greenshields à Caer Luaig. Ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba thairis uallach air a' charragh-cuimhne ann an 1938