Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad Inbhir Bhreacaidh, Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1016
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SGÌRE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32937
KEYWORDS
cairtean-puist
An Ridire Uilleam Gòrdain Earaboil
Inbhir Bhreacaidh
Clann Mhic Leòid Chathaboil
linneachan
An Cabhlach Rìoghail
campa cabhlachail
Cabhlach Bhreatainn
ola
gnìomhacahas na h-ola
Iomairt Rois is Chrombaigh
Inverbreakie Road, Invergordon

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Rathad Inbhir Bhreacaidh aig Inbhir Ghòrdain. Tha fios gun tug an rathad ainm bhon chiad ainm a bha air an tuineachadh an seo, Inbhir Bhreacaidh.

Chaidh Inbhir Ghòrdain ainmeachadh às dèidh Ridire Uilleam Gòrdain Earaboi,l a rugadh ann an Gallaibh, agus a cheannaich an oighreachd anns an ochdamh linn deug. Roimhe seo, b' e Inbhir Bhreacaidh an t-ainm a bha air an àite. Ged a chuir an Ridire Uilleam planaichean air chois gus baile a thogail aig Inbhir Bhreacaidh, b' e a mhac, Sir Iain, a chuir na planaichean an gnìomh. B' ann nuair a chaidh an oighreachd gu Clann Mhic Leòid Chathabail a chaidh acarsaid a thogail aig Inbhir Ghòrdain agus thòisich am baile a' fàs gu luath.

Tha fagasachd Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaigh a' ciallachadh gu bheil e na shàr acarsaid do shoithichean. Tha na ceanglaichean a tha aig an àite ris a' Chabhlaich Rìoghail a' dol air ais chun an naoidheamh linn deug agus, san 20mh linn, bha e air a dhearbhadh mar champa oifigeil, agus iomadach uair a' toirt aoigheachd do Chabhlach Bhreatainn. Aig àm a' Chiad Chogaidh, ghlèidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar champa chabhlachail, a' solarachadh connadh agus bùrn dhan Chabhlach Rìoghail.

Dhùin an campa cabhlachail ann an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh thall ann an 1956 ach thàinig tuilleadh leasachaidh dhan bhaile anns na 1970an le gnìomhachas na h-ola. On bha e cho faisg air gàrraidhean ola a' Chuain a Tuath, bha e taghta mar àite airson togail agus cumail suas nan crann-ola. Bha ionad-leaghaidh almain stèidhte ann an Inbhir Ghòrdain anns na 1970an agus, ged a dhùin e an ceann deich bliadhna, tharraing e cosnadh nach bu bheag dhan sgìre. An-diugh, tha Iomairt Rois is Chrombaigh stèidhte ann an Inbhir Ghòrdain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad Inbhir Bhreacaidh, Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1900an; 1910an

cairtean-puist; An Ridire Uilleam Gòrdain Earaboil; Inbhir Bhreacaidh; Clann Mhic Leòid Chathaboil; linneachan; An Cabhlach Rìoghail; campa cabhlachail; Cabhlach Bhreatainn; ola; gnìomhacahas na h-ola; Iomairt Rois is Chrombaigh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards