Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Views of Invergordon

Tha a' chairt seo a' sealltainn còig dealbhan de dh' Inbhir Ghòrdain, ann an Taobh Sear Rois. Gu h-àrd agus gu h-ìseal air an taobh chlì, agus gu h-ìseal air an taobh dheas tha trì seallaidhean eadar-dhealaichte de dh' Àrd Shràid Inbhir Ghòrdain. Gu h-ìseal air an taobh chlì tha oisean na h-Àrd Shràid agus Rathad a' Chaisteil, leis an Eaglais Shaoir Aonaichte aig mullach Rathad a' Chaisteil, a thogadh ann an 1861. 'S e seo a-nis Eaglais na h-Alba. Ann am meadhan an deilbh, chithear fuaran Rìgh Eideard. Chaidh a chur an gnìomh gu h-oifigeil leis a' bhean-phòsta Dhòmhnallach, bean a' phròbhaist, ann an 1904. Phàigh Comann nan Goireasan airson an fhuarain, mar chuimhneachan air a' chuairt aig Rìgh Eideard VIII gu Inbhir Ghòrdain ann an 1902. 'S e talla a' bhaile agus an taigh-cluiche a th' anns an togalach ghrinn a chithear anns an dealbh a tha gu h-ìseal, air an taobh dheas.

An am meadhan na cairte, tha dealbh de Chaolas Chrombaidh, agus gu h-àrd air an taobh dheas chithear Cidhe a' Chabhlaich ann an Inbhir Ghòrdain. Air sàilleabh gu bheil Inbhir Ghòrdain cho faisg air Caolas Chrombaidh, tha e na dheagh acarsaid do bhàtaichean. Tha na ceanglaichean aige ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais chun an 19mh linn. Agus mun tàinig am 20mh linn bha e air a mheas mar ionad oifigeil, dhan tàinig an Cabhlach Rìoghail iomadh uair. Bha Inbhir Ghòrdain air a chleachdadh mar ionad cabhlaich tron Chogadh Mhòr, a' cumail connadh agus uisge ris a' Chabhlach Rìoghail. Dhùin an t-ionad cabhlaich an Inbhir Ghòrdain ann an 1956

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean de dh' Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1920an; 1930an

cairtean; eaglaisean; An Eaglais Shaor Aonaichte; Eaglais na h-Alba; fuarain; Fuaran Rìgh Eideard; Comann nan Goireasan; tallachan-baile; taighean-cluiche; caolais; An Cabhlach Rìoghail; ionad cabhlaich; ionadan cabhlaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn còig dealbhan de dh' Inbhir Ghòrdain, ann an Taobh Sear Rois. Gu h-àrd agus gu h-ìseal air an taobh chlì, agus gu h-ìseal air an taobh dheas tha trì seallaidhean eadar-dhealaichte de dh' Àrd Shràid Inbhir Ghòrdain. Gu h-ìseal air an taobh chlì tha oisean na h-Àrd Shràid agus Rathad a' Chaisteil, leis an Eaglais Shaoir Aonaichte aig mullach Rathad a' Chaisteil, a thogadh ann an 1861. 'S e seo a-nis Eaglais na h-Alba. Ann am meadhan an deilbh, chithear fuaran Rìgh Eideard. Chaidh a chur an gnìomh gu h-oifigeil leis a' bhean-phòsta Dhòmhnallach, bean a' phròbhaist, ann an 1904. Phàigh Comann nan Goireasan airson an fhuarain, mar chuimhneachan air a' chuairt aig Rìgh Eideard VIII gu Inbhir Ghòrdain ann an 1902. 'S e talla a' bhaile agus an taigh-cluiche a th' anns an togalach ghrinn a chithear anns an dealbh a tha gu h-ìseal, air an taobh dheas.<br /> <br /> An am meadhan na cairte, tha dealbh de Chaolas Chrombaidh, agus gu h-àrd air an taobh dheas chithear Cidhe a' Chabhlaich ann an Inbhir Ghòrdain. Air sàilleabh gu bheil Inbhir Ghòrdain cho faisg air Caolas Chrombaidh, tha e na dheagh acarsaid do bhàtaichean. Tha na ceanglaichean aige ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais chun an 19mh linn. Agus mun tàinig am 20mh linn bha e air a mheas mar ionad oifigeil, dhan tàinig an Cabhlach Rìoghail iomadh uair. Bha Inbhir Ghòrdain air a chleachdadh mar ionad cabhlaich tron Chogadh Mhòr, a' cumail connadh agus uisge ris a' Chabhlach Rìoghail. Dhùin an t-ionad cabhlaich an Inbhir Ghòrdain ann an 1956