Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Views of Invergordon

Tha a' chairt seo a' sealltainn grunn sheallaidhean de bhaile Inbhir Ghòrdain ann an Taobh Sear Rois. Gu h-àrd air an taobh chlì tha Caisteal Inbhir Ghòrdain, a bha aig aon àm mu mhìle tuath air baile Inbhir Ghòrdain. Chaidh a dhealbhachadh leis an Dotair Alasdair Ros do Leòdaich Chathaboil. Thogadh e ann an 1872 air làrach caisteil na bu shine a chaidh a losgadh gu làr. Ann an 1928, dh'òrdaich Sir Uilleam Martineau, fear Chinn na Creige, aig an robh an caisteal, gun rachadh a leagail, air sgàth gun robh na fiachan aige a' dol am meud.

Gu h-àrd air an taobh dheas tha Àrd shràid Inbhir Ghòrdain, le fuaran Rìgh Eideard am meadhan an rathaid. Chaidh a chur an gnìomh gu h-oifigeil leis a' bhean-phòsta Dhòmhnallach, bean a' phròbhaist, ann an 1904. Phàigh Comann nan Goireasan airson an fhuarain, mar chuimhneachan air a' chuairt aig Rìgh Eideard VIII gu Inbhir Ghòrdain ann an 1902.

Gu h-ìseal air an taobh dheas, tha sealladh farsainn dhen bhaile, agus gu h-ìseal air an taobh chlì tha aiseag Inbhir Ghòrdain. Bhiodh am bàt'-aiseig a' seòladh bho Inbhir Ghòrdain gu Baile a' Bhlàir, àite beag anns an Eilean Dubh, air taobh thall Chaolas Chrombaidh. Bhiodh creidmhich a' falbh air an aiseag, gu caibeall an Naoimh Dhubhthaich ann am Baile Dhubhthaich. Sguir an
t-aiseag eadar Inbhir Ghòrdain agus Baile a' Bhlàir anns na 1960an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean de dh' Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1920an; 1930an

cairtean; Caisteal Inbhir Ghòrdain; caistealan; An Dotair Alasdair Ros; Leòdaich Chathabiol; Sir Uilleam Martineau, fear Chinn na Creige; An Eaglais Shaor Aonaichte; eaglaisean; Eaglais na h-Alba; tallaichean-baile; taighean-cluiche; taighean-dealbh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection