Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Looking towards Ben Wyvis from Invergordon High Street

Tha a' chairt-phuist seo a' toirt dhuinn sealladh de Bheinn Uais bho thaobh an iar Sràid Àrd Inbhir Ghòrdain ann an Taobh Sear Rois. Is e Talla Bhaile Inbhir Ghòrdain a th' anns an togalach sgeadaichte air an làimh dheis agus an taigh-dhealbh. Air an làimh dheis den seo tha mòr-bhùth J.G. Legge.

Chaidh Inbhir Ghòrdain ainmeachadh às dèidh Ridire Uilleam Gòrdain Earaboi,l a rugadh ann an Gallaibh, agus a cheannaich an oighreachd anns an ochdamh linn deug. Roimhe seo, b' e Inbhir Bhreacaidh an t-ainm a bha air an àite. Ged a chuir an Ridire Uilleam planaichean air chois gus baile a thogail aig Inbhir Bhreacaidh, b' e a mhac, Sir Iain, a chuir na planaichean an gnìomh. B' ann nuair a chaidh an oighreachd gu Clann Mhic Leòid Chathabail a chaidh acarsaid a thogail aig Inbhir Ghòrdain agus thòisich am baile a' fàs gu luath.

Tha fagasachd Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaigh a' ciallachadh gu bheil e na shàr acarsaid do shoithichean. Tha na ceanglaichean a tha aig an àite ris a' Chabhlaich Rìoghail a' dol air ais chun an naoidheamh linn deug agus, san 20mh linn, bha e air a dhearbhadh mar champa oifigeil, agus iomadach uair a' toirt aoigheachd do Chabhlach Bhreatainn. Aig àm a' Chiad Chogaidh, ghlèidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar champa chabhlachail, a' solarachadh connadh agus bùrn dhan Chabhlach Rìoghail.

Dhùin an campa cabhlachail ann an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh thall ann an 1956 ach thàinig tuilleadh leasachaidh dhan bhaile anns na 1970an le gnìomhachas na h-ola. On bha e cho faisg air gàrraidhean ola a' Chuain a Tuath, bha e taghta mar àite airson togail agus cumail suas nan crann-ola. Bha ionad-leaghaidh almain stèidhte ann an Inbhir Ghòrdain anns na 1970an agus, ged a dhùin e an ceann deich bliadhna, tharraing e cosnadh nach bu bheag dhan sgìre. An-diugh, tha Iomairt Rois is Chrombaigh stèidhte ann an Inbhir Ghòrdain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' coimhead a dh'ionnsaigh Beinn Uais bho Shràid Àrd Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1960an

cairtean-puist; beanntan; Tallachan a' Bhaile; taighean-cluiche; Taighean-dealbh; An Ridire Uilleam Gòrdain Earaboil; Inbhir Bhreacaidh; An Ridire Iain Gòrdain Earaboil; Clann Mhic Leòid Chathaboil; A' Chabhlach Rìoghail; campa cabhlachail; campaichean c

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection