Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Droch mhuir ann an Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1057
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32978
KEYWORDS
cairtean-puist
linneachan
Cabhlach Rioghail
ionadan cabhlaich
cabhlach na dachaigh
leaghadairean almain
An Cogadh Mòr
A' Chiad Chogadh
ola
gnìomhachas na h-ola
Rough seas at Invergordon

Tha Linne Chrombaidh aig Inbhir Ghòrdain ann an Ros an Ear ri fhaicinn sa chairt-phuist seo. 'S e cho faisg 's a tha Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaidh a tha ga fhàgail na dheagh acarsaid do shoithichean. Tha a cheanglaichean ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais ris chun an 19mh linn agus san 20mh linn bha e air a mheas na bhun-àite oifigeil, na dhachaigh do Chabhlach na Dachaigh iomadh uair. Aig àm a' Chiad Chogaidh ghlèidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar bhun-àite na nèibhi, a' solar connaidh agus uisge don Chabhlach Rìoghail.

Dhùin bun-àite na nèibhi an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh ann an 1956 ach chunnaic am baile barrachd leasachaidh sna 1970an le gnìomhachas na h-ola. Le cho faisg 's a bha e air raointean ola a' Chuain a Tuath bha e na dheagh àite far am biodh togail is cumail suas nan crann ola a' dol air adhart. Bha Leaghadair Almain ann an Inbhir Ghòrdain cuideachd sna 1970an agus ged a dhùin seo às dèidh deich bliadhna no mar sin, thug e obair don sgìre. An-diugh tha Inbhir Ghòrdain na dhachaigh do dh' Iomairt Rois is Chrombaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Droch mhuir ann an Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1900an; 1910an

cairtean-puist; linneachan; Cabhlach Rioghail; ionadan cabhlaich; cabhlach na dachaigh; leaghadairean almain; An Cogadh Mòr; A' Chiad Chogadh; ola; gnìomhachas na h-ola

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha Linne Chrombaidh aig Inbhir Ghòrdain ann an Ros an Ear ri fhaicinn sa chairt-phuist seo. 'S e cho faisg 's a tha Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaidh a tha ga fhàgail na dheagh acarsaid do shoithichean. Tha a cheanglaichean ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais ris chun an 19mh linn agus san 20mh linn bha e air a mheas na bhun-àite oifigeil, na dhachaigh do Chabhlach na Dachaigh iomadh uair. Aig àm a' Chiad Chogaidh ghlèidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar bhun-àite na nèibhi, a' solar connaidh agus uisge don Chabhlach Rìoghail.<br /> <br /> Dhùin bun-àite na nèibhi an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh ann an 1956 ach chunnaic am baile barrachd leasachaidh sna 1970an le gnìomhachas na h-ola. Le cho faisg 's a bha e air raointean ola a' Chuain a Tuath bha e na dheagh àite far am biodh togail is cumail suas nan crann ola a' dol air adhart. Bha Leaghadair Almain ann an Inbhir Ghòrdain cuideachd sna 1970an agus ged a dhùin seo às dèidh deich bliadhna no mar sin, thug e obair don sgìre. An-diugh tha Inbhir Ghòrdain na dhachaigh do dh' Iomairt Rois is Chrombaidh