Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beanntan an Iar air Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1070
ÀITE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Cuithne
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32991
KEYWORDS
cairtean-puist
calachan
Caolas Chrombaidh
An Cabhlach Rìoghail
Cabhlach Dìon na Dùthcha
an Cogadh Mòr
gearasdan nèibhidh
ola
cruinn-ola
Iomairt Rois is Chrombaidh
cruise liners
Hills to the West, Invergordon

Chithear sealladh de na beanntan an iar air Inbhir Ghòrdain anns a' chairt-phuist seo. Tha fagasachd Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaidh a' ciallachadh gu bheil e na shàr acarsaid do shoithichean. Tha na ceanglaichean a tha aig an àite ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais chun an naodhamh linn deug agus, san 20mh linn, bha e air a dhearbhadh mar champa oifigeil, agus iomadach uair a' toirt aoigheachd do Chabhlach na Dùthcha. Aig àm a' Chiad Chogaidh, ghleidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar champa chabhlachail, a' solarachadh connadh agus uisge don Chabhlach Rìoghail.

Dhùin an campa cabhlachail ann an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh thall ann an 1956 ach thàinig tuilleadh leasachaidh don bhaile anns na 1970an le gnìomhachas na h-ola. A chionn 's gun robh e cho faisg air gàrraidhean ola a' Chuain a Tuath, bha e air leth freagarrach mar àite airson togail agus cumail suas nan crann-ola. An-diugh, tha Iomairt Rois is Chrombaidh stèidhichte ann an Inbhir Ghòrdain agus tha an cala fhathast fìor shoirbheachail mar thoradh air cargu mara agus gnìomhachas nan soithichean cuairt-mhara. Bidh mu 40 soitheach a' tadhal air a' bhaile gach samhradh agus tha seo a' cur ri soirbheas a' bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beanntan an Iar air Inbhir Ghòrdain

ROS: Ros Cuithne

1910an

cairtean-puist; calachan; Caolas Chrombaidh; An Cabhlach Rìoghail; Cabhlach Dìon na Dùthcha; an Cogadh Mòr; gearasdan nèibhidh; ola; cruinn-ola; Iomairt Rois is Chrombaidh; cruise liners

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear sealladh de na beanntan an iar air Inbhir Ghòrdain anns a' chairt-phuist seo. Tha fagasachd Inbhir Ghòrdain air Linne Chrombaidh a' ciallachadh gu bheil e na shàr acarsaid do shoithichean. Tha na ceanglaichean a tha aig an àite ris a' Chabhlach Rìoghail a' dol air ais chun an naodhamh linn deug agus, san 20mh linn, bha e air a dhearbhadh mar champa oifigeil, agus iomadach uair a' toirt aoigheachd do Chabhlach na Dùthcha. Aig àm a' Chiad Chogaidh, ghleidh Inbhir Ghòrdain inbhe mar champa chabhlachail, a' solarachadh connadh agus uisge don Chabhlach Rìoghail. <br /> <br /> Dhùin an campa cabhlachail ann an Inbhir Ghòrdain mu dheireadh thall ann an 1956 ach thàinig tuilleadh leasachaidh don bhaile anns na 1970an le gnìomhachas na h-ola. A chionn 's gun robh e cho faisg air gàrraidhean ola a' Chuain a Tuath, bha e air leth freagarrach mar àite airson togail agus cumail suas nan crann-ola. An-diugh, tha Iomairt Rois is Chrombaidh stèidhichte ann an Inbhir Ghòrdain agus tha an cala fhathast fìor shoirbheachail mar thoradh air cargu mara agus gnìomhachas nan soithichean cuairt-mhara. Bidh mu 40 soitheach a' tadhal air a' bhaile gach samhradh agus tha seo a' cur ri soirbheas a' bhaile