Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean air Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1103
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33023
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-solais
taighean-òsta
eileanan
drochaidean
Born Free Foundation
eilean
pàircean fiadh-bheathaichean
urrasan glèidhteachais
tèarmannan nàdair
sgrìobhadairean
Views of Kyle of Lochalsh

Chithear grùnn sheallaidhean de Chaol Loch Aillse ann an Siorrachd Rois sa chairt-phuist seo. Tha an sealladh sa mheadhan a' sealltainn bàt'-aiseig a' Chaoil. Bha aiseag ann fad cheudan bhliadhnaichean a bha a' dol eadar an Caol agus Caol Àcain san Eilean Sgitheanach, mus deach Drochaid an Eilein Sgitheanaich a thogail, a' ceangal an eilein gu tir-mòr. Gu ruig meadhan nan 1930an, cha ghabhadh ach aon chàr aig an aon àm a thoirt thairis air a' chaolas.

Fad iomadh bliadhna bha Taigh-òsta Loch Aillse (taobh a deas gu h-ìosal) a' frithealadh dhan trafaig a bha a' dol air an aiseag eadar an Caol is Caol Loch Aillse. 'S ann le Sir Alasdair MacMhathain a bha an togalach an toiseach, ach reic a mhac e ri Companaidh Rèile Lunnainn 's Meadhan-tìre aig deireadh an 19mh linn. Aig an àm seo 's e Taigh-òsta an Stèisein a bh' air. Deichean de bhliadhnaichean às dèidh siud chaidh an taigh-òsta a reic a-rithist agus chaidh ainm ùr a chur ris agus chaidh a leasachadh 's a leudachadh. An-diugh tha Taigh-òsta Loch Aillse a' frithealadh nan daoine a bhios a' stad sa bhaile air an rathad ann no às dèidh dol-thairis na drochaid.

Tha taigh-solais Chaol Àcain (deas gu h-ìosal) air eilean beag dhen ainm Eilean Bàn. Chaidh an taigh-solais, le a thùr a tha 70tr a dh'àirde, a thogail ann an 1857 le breigichean 's le clachan briste. Bha an dà neach-glèidhidh agus an teaghlaichean a' fuireach san dà thaigh bheag air an eilean, agus a' chlann a' dol air aiseag don sgoil ann an Caol Àcain. Ann an 1960 chaidh an taigh-solais gu bhith fèin-gluasadach. Chaidh an t-eilean agus na taighean beaga a cheannach ann an 1963 le Gavin Maxwell, sgrìobhadair is fear-nàdair, agus planaichean aige gus an eilean a dhèanamh na phàirc airson fiadh-bheathaichean. Ach nuair a bhàsaich e ro thràth beagan bhliadhnaichean às dèidh siud, cha tàinig na planaichean gu buil. Tha an t-eilean an diugh na chreag-stèidh do dhrochaid an Eilein Sgitheanaich, ach 's ann le Urras a tha e, agus Urras Born Free na mheasg, a tha a' sùileachadh ri àrainneachd an eilein a ghleidheadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean air Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1930an; 1940an

cairtean-puist; taighean-solais; taighean-òsta; eileanan; drochaidean; Born Free Foundation; eilean; pàircean fiadh-bheathaichean; urrasan glèidhteachais; tèarmannan nàdair; sgrìobhadairean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear grùnn sheallaidhean de Chaol Loch Aillse ann an Siorrachd Rois sa chairt-phuist seo. Tha an sealladh sa mheadhan a' sealltainn bàt'-aiseig a' Chaoil. Bha aiseag ann fad cheudan bhliadhnaichean a bha a' dol eadar an Caol agus Caol Àcain san Eilean Sgitheanach, mus deach Drochaid an Eilein Sgitheanaich a thogail, a' ceangal an eilein gu tir-mòr. Gu ruig meadhan nan 1930an, cha ghabhadh ach aon chàr aig an aon àm a thoirt thairis air a' chaolas.<br /> <br /> Fad iomadh bliadhna bha Taigh-òsta Loch Aillse (taobh a deas gu h-ìosal) a' frithealadh dhan trafaig a bha a' dol air an aiseag eadar an Caol is Caol Loch Aillse. 'S ann le Sir Alasdair MacMhathain a bha an togalach an toiseach, ach reic a mhac e ri Companaidh Rèile Lunnainn 's Meadhan-tìre aig deireadh an 19mh linn. Aig an àm seo 's e Taigh-òsta an Stèisein a bh' air. Deichean de bhliadhnaichean às dèidh siud chaidh an taigh-òsta a reic a-rithist agus chaidh ainm ùr a chur ris agus chaidh a leasachadh 's a leudachadh. An-diugh tha Taigh-òsta Loch Aillse a' frithealadh nan daoine a bhios a' stad sa bhaile air an rathad ann no às dèidh dol-thairis na drochaid.<br /> <br /> Tha taigh-solais Chaol Àcain (deas gu h-ìosal) air eilean beag dhen ainm Eilean Bàn. Chaidh an taigh-solais, le a thùr a tha 70tr a dh'àirde, a thogail ann an 1857 le breigichean 's le clachan briste. Bha an dà neach-glèidhidh agus an teaghlaichean a' fuireach san dà thaigh bheag air an eilean, agus a' chlann a' dol air aiseag don sgoil ann an Caol Àcain. Ann an 1960 chaidh an taigh-solais gu bhith fèin-gluasadach. Chaidh an t-eilean agus na taighean beaga a cheannach ann an 1963 le Gavin Maxwell, sgrìobhadair is fear-nàdair, agus planaichean aige gus an eilean a dhèanamh na phàirc airson fiadh-bheathaichean. Ach nuair a bhàsaich e ro thràth beagan bhliadhnaichean às dèidh siud, cha tàinig na planaichean gu buil. Tha an t-eilean an diugh na chreag-stèidh do dhrochaid an Eilein Sgitheanaich, ach 's ann le Urras a tha e, agus Urras Born Free na mheasg, a tha a' sùileachadh ri àrainneachd an eilein a ghleidheadh