Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Loch Aillse agus beanntan a' Chuilthinn san Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1105
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33025
KEYWORDS
cairtean-puist
aiseagan
drochaid an Eilein Sgitheanaich
drochaidean
taighean-òsta
companaidhean rèile
Rèile na Gaidhealtachd
beanntan
Cuiltheann Dubh
Cuiltheann Dearg
Kyle of Lochalsh and the Cuillins, Skye

Sa chairt-phuist seo chithear Caol Loch Aillse agus Beanntan a' Chuilthinn. Tha iad den bheachd gu robh clachan sa Chaol bho co-dhiù na 1600an, ach b' ann ann an 1897, nuair thàinig Rèile na Gàidhealtachd don bhaile, a thòisich am baile a' fàs gu luath. Tha Caol Loch Aillse air a bhith na phrìomh ionad airson a dhol tarsainn don Eilean Sgitheanach o thir-mòr o co-dhiù an 19mh linn agus taobh a-staigh ceud bliadhna às a dhèidh thàinig e gu bhith na cheann-uidhe do dh'aiseagan a' dol a Steòrnabhagh.

Lùghdaich inbhe a' bhaile na cheann-uidhe do na h-aiseagan anns na 1970an nuair a thòisich aiseagan Steòrnabhaigh a' falbh às Ulapul agus ann an 1985 ghabh Drochaid an Eilein Sgitheanaich àite aiseag a' Chaoil. A dh'aindeoin nan atharrachaidhean mòra seo tha mòran de luchd-turais fhathast a' tadhal air a' bhaile a h-uile bliadhna air an rathad ann no às an Eilean Sgitheanach agus tha an Caol fhathast na cheann-uidhe do Rèile Chaol Loch Aillse.

Tha Beanntan a' Chuilthinn am measg nam beanntan as caise ann am Breatainn agus 's iad an raon bheanntan as àirde ann an Innse Gall. Nam measg tha 15 mullaichean nas àirde na 3000 troigh agus tha iad air an dèanamh suas le dà phrìomh shreath (An Cuiltheann Dubh is An Cuiltheann Dearg). Tha clàran a' sealltainn gur e a' chiad fhear-sreap a dhìrich An Cuiltheann an t-Urramach C. Lesingham Smith, ann an 1835

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Loch Aillse agus beanntan a' Chuilthinn san Eilean Sgitheanach

ROS: Loch Aillse

cairtean-puist; aiseagan; drochaid an Eilein Sgitheanaich; drochaidean; taighean-òsta; companaidhean rèile; Rèile na Gaidhealtachd; beanntan; Cuiltheann Dubh; Cuiltheann Dearg

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Sa chairt-phuist seo chithear Caol Loch Aillse agus Beanntan a' Chuilthinn. Tha iad den bheachd gu robh clachan sa Chaol bho co-dhiù na 1600an, ach b' ann ann an 1897, nuair thàinig Rèile na Gàidhealtachd don bhaile, a thòisich am baile a' fàs gu luath. Tha Caol Loch Aillse air a bhith na phrìomh ionad airson a dhol tarsainn don Eilean Sgitheanach o thir-mòr o co-dhiù an 19mh linn agus taobh a-staigh ceud bliadhna às a dhèidh thàinig e gu bhith na cheann-uidhe do dh'aiseagan a' dol a Steòrnabhagh. <br /> <br /> Lùghdaich inbhe a' bhaile na cheann-uidhe do na h-aiseagan anns na 1970an nuair a thòisich aiseagan Steòrnabhaigh a' falbh às Ulapul agus ann an 1985 ghabh Drochaid an Eilein Sgitheanaich àite aiseag a' Chaoil. A dh'aindeoin nan atharrachaidhean mòra seo tha mòran de luchd-turais fhathast a' tadhal air a' bhaile a h-uile bliadhna air an rathad ann no às an Eilean Sgitheanach agus tha an Caol fhathast na cheann-uidhe do Rèile Chaol Loch Aillse. <br /> <br /> Tha Beanntan a' Chuilthinn am measg nam beanntan as caise ann am Breatainn agus 's iad an raon bheanntan as àirde ann an Innse Gall. Nam measg tha 15 mullaichean nas àirde na 3000 troigh agus tha iad air an dèanamh suas le dà phrìomh shreath (An Cuiltheann Dubh is An Cuiltheann Dearg). Tha clàran a' sealltainn gur e a' chiad fhear-sreap a dhìrich An Cuiltheann an t-Urramach C. Lesingham Smith, ann an 1835