Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Ban-Naomh Anna, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1117
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33038
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
eaglaisean
Eaglais Easbaigeach Alba
Easbaigeach
bailtean spàtha
Coinneach Odhar
fàidhean
an dà shealladh
fàisneachd

fàisneachadh
bàtaichean-adhair
St Anne's Church, Strathpeffer

Tha a' chairt seo a' sealltainn Eaglais Easbaigeach Ban-Naomh Anna, ann an Srath Pheofhair. Thogadh i anmoch san 19mh linn oir is gum biodh seirbheisean air an robh iad eòlach ann do luchd-turais o Dheas a bhiodh a' tighinn chun an Spàtha ainmeil ann an Srath Pheofhair.

Bha i na co-eaglais do dh'Eaglais an Naoimh Sheumais ann an Inbhir Pheofharain, agus tha dlùth cheangal eatarra fhathast. Chaidh an eaglais a dhealbhachadh le Iain MacDhonnchaidh, agus thogadh i air fearann le Anna, Ban-Diùc Chataibh agus Ban-Iarla Chrombaidh. Leagadh clach-stèidh na h-eaglais air an 2ra là dhen Ghiblean 1891, agus choisrigeadh an eaglais gu h-oifigeil ann an 1900.

Tha seat de dh'ochd clagan feadanach a bhios air am bualadh le òrd fiodha ann an Eaglais Ban-Naomh Anna. Obraichidh aon neach iad. Chaidh an cur air dòigh le ball den choithional ann an 2000. Tha a' chùbaid air a dèanamh de chloich Caen agus alabastar, agus tha an altair air a dèanamh de mhàrmor agus alabastar. Tha uinneagan le glainne dhathte innte cuideachd.

Tha ceangal eadar Eaglais Ban-Naomh Anna agus fàisneachd le Coinneach Odhar. Tha e coltach gun tuirt e "nuair a bhios còig stìoballan ann an Srath Pheofhair, bidh bàtaichean a' seòladh os cionn a' bhaile agus gan acrachadh fhèin riutha." Nuair a rinneadh tagradh gus eaglais Easbaigeach a thogail ann an Srath Pheofhair bha gearainean ann, oir anns an 19mh linn bha ceithir stìoballan anns a' bhaile. Thogadh an eaglais co-dhiù, le stìoball.

Beagan an dèidh a' Chiad Chogaidh, nochd bàt'-adhair beag aig Geamachan Shrath Pheofhair. Nuair a dh'fheuch i ri tighinn gu làr, chuir i sìos dubhan-acrachaidh, a chaidh a ghlacadh air tè dhe na stìoballan, a' coilionadh fàisneachd Choinnich Odhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Ban-Naomh Anna, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

1900an; 1910an

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; eaglaisean; Eaglais Easbaigeach Alba; Easbaigeach; bailtean spàtha; Coinneach Odhar; fàidhean; an dà shealladh; fàisneachd;
fàisneachadh; bàtaichean-adhair

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection