Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Creag an Fhithich, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1128
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33051
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
uisge-mèinneach
fuaran
seòmraichean-pumpaidh
spàthan
leigheas mì-àbhaisteach
taic-leighis
rèile
turasachd
The Raven's Rock, Strathpeffer

Tha a' chairt seo a' sealltainn Creag an Fhithich mu mhìle gu leth an iar air Uachdar Nìad tuath air Srath Pheofhair. Tha 250 troigh a dh' àirde anns a' chreig chais seo a tha ag èirigh cha mhòr dìreach, agus bidh mac-talla annasach a' tilleadh bhuaipe, a' toirt dhi an ainm "The Echoing Rock". Tha sgeul ann gun do dh'ionnsaich na Gàidheil puirt-à-beul bho Rìgh nam Fitheach, a ghlac iad ri linn cuirm bliadhnail air a' chreig.

'S e Creag an Fhithich fear dhe na mullaich as àirde a chithear air an t-slighe-rèile eadar Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse. Nuair a dh'fhosgladh rèile Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse ann an 1870, bha e a' seachnadh Srath Pheofhair an toiseach air sgàth cion aonta le uachdarain na sgìre, agus b' fheudar dha a dhol na b' fhaide tuath thairis air Creag an Fhithich. An toiseach bha e a' stad aig stèisean far an rathaid, mu mhìle gu leth o Shrath Pheofhair. B' e Uachdar an Nid a thugadh air an stèisean seo nuair a dh'fhosgladh am meur dhen rèile a bha dol gu Srath Pheofhair ann an 1885.

Faisg air a' chreig, air an taobh chlì dhen rèile, tha am fuaran le iarann ris an canar Fuaran an Naoimh. 'S ann às a seo a bha uisge Spà Srath Pheothair a' dol chun an t-Seòmair Phumpaidh anns a' bhaile

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Creag an Fhithich, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

1900an; 1910an

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; uisge-mèinneach; fuaran; seòmraichean-pumpaidh; spàthan; leigheas mì-àbhaisteach; taic-leighis; rèile; turasachd;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Creag an Fhithich mu mhìle gu leth an iar air Uachdar Nìad tuath air Srath Pheofhair. Tha 250 troigh a dh' àirde anns a' chreig chais seo a tha ag èirigh cha mhòr dìreach, agus bidh mac-talla annasach a' tilleadh bhuaipe, a' toirt dhi an ainm "The Echoing Rock". Tha sgeul ann gun do dh'ionnsaich na Gàidheil puirt-à-beul bho Rìgh nam Fitheach, a ghlac iad ri linn cuirm bliadhnail air a' chreig.<br /> <br /> 'S e Creag an Fhithich fear dhe na mullaich as àirde a chithear air an t-slighe-rèile eadar Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse. Nuair a dh'fhosgladh rèile Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse ann an 1870, bha e a' seachnadh Srath Pheofhair an toiseach air sgàth cion aonta le uachdarain na sgìre, agus b' fheudar dha a dhol na b' fhaide tuath thairis air Creag an Fhithich. An toiseach bha e a' stad aig stèisean far an rathaid, mu mhìle gu leth o Shrath Pheofhair. B' e Uachdar an Nid a thugadh air an stèisean seo nuair a dh'fhosgladh am meur dhen rèile a bha dol gu Srath Pheofhair ann an 1885.<br /> <br /> Faisg air a' chreig, air an taobh chlì dhen rèile, tha am fuaran le iarann ris an canar Fuaran an Naoimh. 'S ann às a seo a bha uisge Spà Srath Pheothair a' dol chun an t-Seòmair Phumpaidh anns a' bhaile