Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Bothan, Cnoc Fearralaidh, Srath Pheofhair
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1141
ÀITE
Srath Pheofhair
SGÌRE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Fothraitidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33064
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois, Sgìre Rois is Chrombaidh
bothain
taighean-bìdh
spàthan
cnuic
dùin
The Chalet, Knockfarrel, Strathpeffer

Tha a' chairt seo a' sealltainn bothan a thogadh mu 1910, faisg air mullach Cnoc Fearralaidh, dà mhìle an ear air Srath Pheofhair. Mu 1905, chuir dithis pheathraichean dham b' ainm Camshron suas teanta faisg air làimh, gus tì agus fuine a reic ri daoine a thigeadh chun an Spà Bhictòrianaich ann an Srath Pheofhair. Bha an 'seòmar-tì' cho soirbheachail 's gun tug muinntir Oighreachd Chrombaidh bothan do na peathraichean an ceann bliadhna no dhà. Bha coileach-gaoithe air a mhullach, agus bhearanda mu chuairt air, na earrannan eadar-dhealaichte. Bha clàir air na h-uinneagan a ghabhadh ìsleachadh gus bùird a dhèanamh do dh' aoighean a bha ag iarraidh a bhith a-muigh a' coimhead air na seallaidhean. Chaidh am bothan-fiodha a thogail le coilltearan Iarla Chrombaigh a bha ag obair san àite aig an àm sin.

Bha am bothan air a chleachdadh gu 1952 nuair a chaidh a losgadh gu làr. Tha sgeul ann gum facar triùir ghillean a' teicheadh thairis air mullach na beinne gu Inbhir Pheofharain aig an àm.

'S e cnoc beag bideanach a th' ann an Cnoc Fearralaidh anns a bheil 579 troigh (190m) a dh' àirde. Tha a' chreag mholagach seo cha mhòr dìreach air an taobh a deas agus an taobh a tuath. Tha i aig ceann droma ris an canar Druim a' Chait agus tha làrach dùin ghlainnichte o Linn an Iarrainn air a mullach. Tha àite còmhnard cruinn, fada le togalaichean aig gach ceann air a chuairteachadh le torran mòr de chloich ghlainnichte a bha uair nan gàrradh. An taobh a-staigh dhe sin tha coltas tuilleadh de thogail glainnichte, agus na tha air fhàgail de sheann tobar. Tha beachd ann gum faodadh e bhith gur e Cnoc Fearralaidh fear dhe na prìomh àiteachan-fuirich aig Fionn, a-rèir na dh'innis Oisean.

Tha grunn bheachdan ann mu ghlainneachadh. Dh'fhaodadh e tachairt nuair a rachadh togalaichean a chur nan teine, 's math dh'fhaoidte le cinneadh faisg air làimh. Tha beachd eile gun robh an dùn air a thogail o thùs mar dhìon, le clachan gun cheangal, agus gun robh an suidheachadh àrd aige ga dhèanamh iomchaidh mar àite-rabhaidh. Dh'fhaodadh gun robh buaidh aig teinntean-rabhaidh uaireigin air a' mheasgachadh de chlachan is sprùilleach eile a ghabhadh leaghadh, ag adhbharachadh glainneachadh.

Tha Cnoc Fearralaidh glè choltach ri cnuic eile air am faighear dùin ghlainnichte, oir tha e nochdte agus tha sealladh farsainn bhuaithe. Gheibhear eisimpleirean eile aig Cnoc an Ùird, Ceasag a Tuath, agus an Creag Phàdraig faisg air Inbhir Nis. O mhullach
Chnoc Fearralaidh chithear, chun an ear, Caolas Chrombaidh agus na Sùdraichean; gu deas chithear Loch Ùsaidh, anns a bheil a' chlach a chleachd Fiosaiche Bhrathainn airson fàisneachd; chun an iar chithear beanntan Taobh Siar Siorrachd Rois, agus gu tuath tha Beinn Uais, le gleann Srath Pheofhair ris an aghaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Bothan, Cnoc Fearralaidh, Srath Pheofhair

ROS: Fothraitidh

cairtean; Siorrachd Rois, Sgìre Rois is Chrombaidh; bothain; taighean-bìdh; spàthan; cnuic; dùin

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection