Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Loch Luichart from Loch Luichart Lodge

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch Luicheart bho Loidse Loch Luicheart. Tha Loch Luicheart beagan an iar air Gairbh, agus tha e a' sruthadh a-steach do Abhainn Chonain.Tha e air a ràdh gun do thadhail am bàrd Raibeart Browning air a' Bhean-Uasal Ashburton an seo ann an 1869. Nuair a dh'fhosgladh Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich an toiseach bha stèisean Loch Luicheart na stèisean prìobhaideach don Bhan-Uasail Ashburton, ach o 1872 dh'fhaodadh an sluagh a chleachdadh. Dhùnadh an seann stèisean ann an 1954, agus chaidh a chur fodha nuair a dh'àrdaicheadh ìre Loch Luicheart air sgàth Sgeama Dealan-uisge Chonain.

Mar phàirt dhen sgeama seo, thogadh damaichean ann an Loch Droma agus Srath Bhathaich gus uisge a chur gu Loch Glascarnaich, agus an uair sin gu stèiseanan-saothrach ann an Ath a' Mhonaidh, Luicheart agus Tòrr Achaillidh. Tha dama ann an Loch Mìg a' stiùireadh tuilleadh uisge do Loch Luicheart a tha a' oirt cumhachd don stèisean as motha anns an sgeama (Luicheart) aig comar Aibhnean Mìg agus Conain. Tha Abhainn Bran air a stiùireadh gu stèisean-cumhachd Achadh nan Allt, agus air Abhainn Chonain tha dama agus stèisean-cumhachd Tòrr Àicheallaidh. B' e sgeama Glascarnaich-Luicheart- Tòrr Àchaillidh aon de thrì sgeamaichean ann an Sgeama Dealan-uisge Chonain a thogadh eadar 1946 agus 1961

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Luicheart bho Loidse Loch Luicheart

ROS: Cunndainn

cairtean; Siorrachd Rois; Sìorrachd Rois is Chrombaidh; lochan; loidsichean-sealg; aibhnichean; rèile; stèiseanan; sgeamaichean dealan-uisge; damaichean; stèiseanan-cumhachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch Luicheart bho Loidse Loch Luicheart. Tha Loch Luicheart beagan an iar air Gairbh, agus tha e a' sruthadh a-steach do Abhainn Chonain.Tha e air a ràdh gun do thadhail am bàrd Raibeart Browning air a' Bhean-Uasal Ashburton an seo ann an 1869. Nuair a dh'fhosgladh Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich an toiseach bha stèisean Loch Luicheart na stèisean prìobhaideach don Bhan-Uasail Ashburton, ach o 1872 dh'fhaodadh an sluagh a chleachdadh. Dhùnadh an seann stèisean ann an 1954, agus chaidh a chur fodha nuair a dh'àrdaicheadh ìre Loch Luicheart air sgàth Sgeama Dealan-uisge Chonain.<br /> <br /> Mar phàirt dhen sgeama seo, thogadh damaichean ann an Loch Droma agus Srath Bhathaich gus uisge a chur gu Loch Glascarnaich, agus an uair sin gu stèiseanan-saothrach ann an Ath a' Mhonaidh, Luicheart agus Tòrr Achaillidh. Tha dama ann an Loch Mìg a' stiùireadh tuilleadh uisge do Loch Luicheart a tha a' oirt cumhachd don stèisean as motha anns an sgeama (Luicheart) aig comar Aibhnean Mìg agus Conain. Tha Abhainn Bran air a stiùireadh gu stèisean-cumhachd Achadh nan Allt, agus air Abhainn Chonain tha dama agus stèisean-cumhachd Tòrr Àicheallaidh. B' e sgeama Glascarnaich-Luicheart- Tòrr Àchaillidh aon de thrì sgeamaichean ann an Sgeama Dealan-uisge Chonain a thogadh eadar 1946 agus 1961