Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Eaglais an Ear, Loch Luicheart
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1144
ÀITE
Loch Luicheart
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33067
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Eaglais Telford
Eaglais na Pàrlamaid
innleadairean
East Church, Lochluichart

Tha a' chairt seo a' sealltainn na h-Eaglais an Ear an Loch Luicheart, aon de ghrunn 'Eaglaisean na Pàrlamaid' no 'Eaglaisean Telford' a thogadh ann an àiteachean sgapte feadh na Gàidhealtachd, an dèidh Achd Parlamaid ann an 1823. A rèir na h-Achd seo bha suas ri 40 eaglaisean eile le mansaichean rin togail nach cosgadh barrachd is £1,500 gach tè. Bha tuarastal de £100 gach bliadhna ri phàigheadh do mhinistear gach eaglais. Gheibheadh fear-togail an fhuinn £5 agus clèireach na h-eaglais £3.

Chaidh Achd le atharraichean an gnìomh ann an 1824, a ghlèidh an 40 tuarastal ach a thuirt nach robh ri thogail ach 30 eaglais, agus a dh'fheuch ri 10 làraichean eile a lorg far an robh eaglais ann mar-thà agus nach fheumadh ach mansa ùr. Bha tuarastal ministeir gach eaglais ri àrdachadh gu £120, agus chan fhaigheadh fear togail an fhuinn no clèireach na h-eaglais dad. Bha coimiseanairean air an taghadh gus an 40 làrach a thaghadh ach bha iadsan an urra ri uachdarain a bhith tairgsinn làraichean. An dèidh iomadh deasbad, thagh iad làraichean 32 eaglais agus 43 mansa, agus nam measg bha Ceann Loch Luicheart ann an sgìre Chunndainn.

Chaidh Tòmas Telford, an t-innleadair a thog iomadh rathad is drochaid air a' Ghàidhealtachd, a thaghadh gus obair togail nan eaglaisean agus nam mansaichean ùra a stiùireadh. Còmhla ri feadhainn eile, dhealbhaich e Eaglais Choitcheann a ghabhadh 312 neach. Bha na togalaichean air an dèanamh gus a bhith feumail agus seasmhach ri linn aimsir stoirmeil.

Bha an làrach aig eaglais Ceann Loch Luicheart air a thoirt seachad le Sir Seumas Wemyss MacCoinnich, Sgatail. B' e Seumas Mac a' Ghobhainn an cùnnradair, agus thogadh an eaglais agus mansa aon-ìreach ann an 1827. Chosg i beagan seachad air £1,489

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Eaglais an Ear, Loch Luicheart

ROS: Cunndainn

cairtean; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Eaglais Telford; Eaglais na Pàrlamaid; innleadairean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection