Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Carrann bho Phort an t-Sròim.
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1150
ÀITE
Port an t-Sròim
SGÌRE
Taobh an Iat Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33073
KEYWORDS
cairtean
Siorrachd Rois, Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Siar Rois, lochan
aiseagan
caistealan
bailtean
rèile
rèilichean
aimhreit
rathaidean
Loch Carron from Strome Ferry

Tha a' chairt seo a' sealltainn Loch Carrann ann an Taobh Siar Rois. Tha baile Port an t-Sròim air an taobh a deas dhen loch. Tha ainm a' tighinn bhon t-seirbheis aiseig a bh' ann aig aon àm. Tha e tarsainn a chaolais bho Shròim a Tuath, rubha a tha a' dol a-mach ann an Loch Carrann, a' dealachadh an loch àird bhon loch ìseil. Tha tobhta Caisteal an t-Sròim ann an Sròm a Tuath mu choinneamh a' bhaile.

B' e muinntir an àite bu mhotha a bha a' cleachdadh an aiseig gu 1809, nuair a thog Coimisean Rathaidean is Drochaidean na Gàidhealtachd rathad air taobh a tuath Loch Carrann gus ceangal a dhèanamh ris an rathad bho Ach' na Sìne gu Inbhir Nis.
Thug e deich bliadhna gus crìoch a chur air an rathad. Tron ùine sin bhiodh luchd a' phuist a' glacadh aire fear an aiseig san t-Sròm, le bhith a' seirm dùdaich nuair a dh'fheumadh iad a dhol tarsainn.

Dh'fhàs am baile beag a bh' ann o thùs gu luath, nuair a thogadh cuid Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich de Rèile na Gàidhealtachd ann an 1870, le Port an t-Sròim mar cheann-uidhe. Dh'fhàs am baile trang, le seirbheisean aiseig gu cunbhalach dhan Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus bailtean beaga air tìr-mòr, a' coinneachadh nan trèanaichean. Bhathar a' cleachdadh nan seirbheisean leasaichte cuideachd gus am posta, iasg agus crodh a tharraing, agus cho-dhùin companaidh an rèile gum biodh trèanaichean ann air Latha na Sàbaid. Chuir seo sàr dhragh air muinntir an àite, a bha an aghaidh a bhith ag obair Latha na Sàbaid, agus dh'adhbharaich an suidheachadh Aimhreit Phort an t-Sròim ann an 1883.

Ann an 1897, leudaicheadh an rèile bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse. Ghluais mòran dhen chòmhdhail dhan Chaol agus chrìon inbhe Phort an t-Sròim. A dh' aindeoin sin, bha an t-aiseag a' dol tarsainn a' chaolais gu 1970, nuair a chuireadh crìoch air rathad ùr mu cheann Loch Carrann. Tha comharran chun a' bhaile a-nis ag ràdh, 'Stromeferry (no ferry).

Nuair a chaidh rathad a' Chaoil a dhùnadh ann am maoimean-slèibhe 2012, ge-ta, chaidh an t-aiseag a chur ann a-rithist greiseag airson luchd-siubhail, gu h-àraid clann na sgoile, gan sàbhaladh bho astar mòr rathaid a h-uile latha.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Carrann bho Phort an t-Sròim.

ROS: Loch Aillse

1930an

cairtean; Siorrachd Rois, Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Siar Rois, lochan; aiseagan; caistealan; bailtean; rèile; rèilichean; aimhreit; rathaidean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection