Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais an Naoimh Dubhthaich, Baile Dhubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_1154
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
33077
KEYWORDS
cairtean-puist
Siorrachd Rois
Sgìre Rois is Chrombaidh
Taobh Sear Rois
caibealan
eaglaisean
naoimh
naomh-chomhan
eilthirich
cladhan
Ionadan Luchd-Turais
St Duthus Church, Tain

Tha a' chairt seo a' sealltainn Caibeal an Naoimh Dubhthaich, neo Colaiste Eaglais an Naoimh Dubhthaich, ann am Baile Dhubhthaich. Chaidh a thogail eadar 1370 agus 1458 airson naomh-chomhan Dhubhthaich, naomh a bha beò tràth san mheadhan linn agus a rugadh ann am Baile Dhubhthaich. 'S ann air a' mhachair air taobh an ear-thuath a' bhaile a bha an caibeal a bh' ann an toiseach. Nuair a chaidh a sgrios le teine ann an 1427, chuireadh crìoch gu luath air an eaglais ùr ann am meadhan a' bhaile a thogail. Tha tobhta caibeil eile a tha nas lugha anns an oisean an ear-dheas innte.

Anns a' mheadhan linn, bha an eaglais cudthromach a thaobh eilthireachd. B'e an Rìgh Seumas IV an neach a b' ainmeile a bhiodh a' tighinn thuice agus thàinig esan gu cunbhalach eadar 1493 agus 1513. An dèidh an Ath-Leasachaidh ann an 1560, sguir an eilthireachd, agus chuireadh an togalach gu feum mar eaglais na sgìre. Nuair a thogadh eaglais ùr dhan sgìre ann an 1815, chaidh an t-seann eaglais a dh'olaidh, ach chaidh a leasachadh anns na 1870an, agus chuireadh uinneagan le glainne dhathaich innte. Tha i a-nis na pàirt dhen Ionad Luchd-Turais "Tain through Time"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais an Naoimh Dubhthaich, Baile Dhubhthaich

ROS: Baile Dhubhthaich

1900an

cairtean-puist; Siorrachd Rois; Sgìre Rois is Chrombaidh; Taobh Sear Rois; caibealan; eaglaisean; naoimh; naomh-chomhan; eilthirich; cladhan; Ionadan Luchd-Turais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt seo a' sealltainn Caibeal an Naoimh Dubhthaich, neo Colaiste Eaglais an Naoimh Dubhthaich, ann am Baile Dhubhthaich. Chaidh a thogail eadar 1370 agus 1458 airson naomh-chomhan Dhubhthaich, naomh a bha beò tràth san mheadhan linn agus a rugadh ann am Baile Dhubhthaich. 'S ann air a' mhachair air taobh an ear-thuath a' bhaile a bha an caibeal a bh' ann an toiseach. Nuair a chaidh a sgrios le teine ann an 1427, chuireadh crìoch gu luath air an eaglais ùr ann am meadhan a' bhaile a thogail. Tha tobhta caibeil eile a tha nas lugha anns an oisean an ear-dheas innte.<br /> <br /> Anns a' mheadhan linn, bha an eaglais cudthromach a thaobh eilthireachd. B'e an Rìgh Seumas IV an neach a b' ainmeile a bhiodh a' tighinn thuice agus thàinig esan gu cunbhalach eadar 1493 agus 1513. An dèidh an Ath-Leasachaidh ann an 1560, sguir an eilthireachd, agus chuireadh an togalach gu feum mar eaglais na sgìre. Nuair a thogadh eaglais ùr dhan sgìre ann an 1815, chaidh an t-seann eaglais a dh'olaidh, ach chaidh a leasachadh anns na 1870an, agus chuireadh uinneagan le glainne dhathaich innte. Tha i a-nis na pàirt dhen Ionad Luchd-Turais "Tain through Time"